An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cead-dealbhachaidh"

Content deleted Content added
Stéidhte ann am pàirt air bileag Ghàidhlig a bha uaireigin aig Taic Dealbhaidh airson Alba (Planning-Aid Scotland)
 
No edit summary
Loidhne 3:
== Có a nì co-dhùnadh? ==
’S e a’ chomhairle ionadail fhéin a nì co-dhùnadh air a’ mhór-chuid de dh’iarrtasan-dealbhachaidh. Tha feadhainn de na comhairlean air co-dhùnaidhean a ghluasad bhon mheadhan gu comataidhean ionadail. Is àbhaist do chomataidh de chomhairlichean ionadail na co-dhùnaidhean air iarrtasan-dealbhaidh a dhèanamh, ged a tha a’ chuid is motha de na comhairlean a’ toirt ùghdarras don Àrd-oifigear Dealbhachaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh air iarrtasan nach eil connspaideach, ach an déid iad air adhart nas luaithe. Ma tha gearanan an aghaidh iarrtas dealbhachaidh, tha e cha mhór cinnteach gun déid e chun na comataidh dhealbhachaidh. Feumaidh a’ chomadaidh dhealbhachaidh a bhith mothachail de bheachdan a h-uile duine mus ruig iad co-dhùnadh air an iarrtas dealbhachaidh.
 
== Ciamar a gheibhear a-mach mu iarrtasan dealbhachaidh? ==
An dòigh as cinntiche ’s e sùil a chumail gach seachdain air na h-iarrtasan ùra a tha a’ nochdadh air làraich-lìn na comhairle ionadail (no sùil a chumail san àite cheart sa phàipear-naidheachd ionadail.
 
'''Brath gu Nàbaidhean'''. Nuair a chuirear iarrtas dealbhachaidh a-steach, feumar fios a chur gu nàbaidhean a tha dìreach taobh ris an leasachadh ùr. Ach chan eil dleastanas fios a chur gu nàbaidhean a tha fiù’s rud beag nas fhaide air falbh (ach ann an corra shuidheachadh, leithid aonta airson togalach air liosta gléidhteachais).
 
Leigidh a’ chomhairle ionadail fios gach seachdain ris a’ Chomhairle Coimhearsnachd mun h-uile iarrtas dealbhachaidh san sgìre. Ach mura bheil a’ Chomhairle Coimhearsnachd a’ coinneachadh gu tric, agus mura bheil rùnaire aice a tha math air fiosrachadh a sgapadh, bidh an ùine seachad airson beachdan a chur a-steach.