An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Flòraidh NicNèill"

Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 3:
Bha '''Flòraidh NicNèill''' (Beurla ''Flora MacNeil'') (1928 - 16 an Céitean 2015) ’na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an [[Barraigh|Eilean Bharraigh]]. Rugadh i air an Leideig, faisg air [[Bagh a' Chaisteil]], ann an 1928. Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthar gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.
 
Chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]]. Chlàr i mòran de dh’òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, ’s ghabh luchd-clàraidh leithid Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an. Dh'fhàs Flòraidh fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge. A bharrachd air radio, telebhisean agus àrd-ùrlar ann an Albainn fhéin, sheinn i tric air feadh na Roinn Eòrpa agus an Aimeireagaidh.
 
== Ceanglaichean a-mach ==