An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Rèabhlaid Ameireaganach"

Content deleted Content added
b →‎Ceanglaichean-a-muigh: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|ja}} using AWB (10903)
Loidhne 5:
== Adhbharan ==
 
Tha freumhan an rèabhlaid a' dol air ais dhangu [[Cogadh nan Seachd Bliadhna|Chogadh nan Seachd Bliadhna]] neo dhan Chogadh Fhrangach 's nan [[Innseanach Ruadhach]]. Ro Cogadh nan Seachd Bliadhna, cha robh mòran ceangal eadar na tìrean-imrich Breatannach ann an Aimearaga. Bha iad ceangailte ri Breatainn ceart gu leòr ach robh mòran gnothaich aca ri chèile. Ach nuair thòisich an cogadh leis [[an Fhraing]], b' fheudar dhaibh aonachadh ri chèile ann an dòigh nach do rinn iad riamh roimhe. B' e seo cleachdadh ùr dhaibh a chuir iad gu mòr an gnìomh a-rithist nuair thog [[Pàrlamaid]] [[cìs]]ean air diofar rudan airson ionmhas a tional dhan chosgaisean a' chogaidh.
 
Bha Cogadh nan Seachd Bliadhna glè chosgail do Bhreatainn agus smaoinich Pàrlamaid gu robh e ceart agus iomchaidh gum pàigh na tìrean-imrich cuid de chosgaisean a' chogaidh agus thòisich iad cìsean a thogail air diofar rudan ann an Aimearaga. Mar eiseimpleir, ann an [[1765]], rinn a' Phàrlamaid cìs ùr ris an canar ''The Stamp Act'', a stèidhich cìsean air mòran rudan a bha an clò a leithid pàipearan-naidheachd, tiomnaidhean, cùnnraidhean, fiù's càirtean-cluich. Dh'adhbhraich seo connspaid mhòr anns na tìrean-imrich leis nach robh iad air an riochdachadh anns a' Phàrlamaid. Dhiùlt iad gabhail ri na cìsean. Ach aig a' cheann thall, chuir a' Phàrlamaid às do na cìsean aig toiseach [[1766]]. Ach chùm a' Phàrlamaid oirre a chumail a-mach gu robh uile còireachan aice cìsean stèidheachadh air na tìrean-imrich mar a thogradh i.