An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Iùgoslaibhia"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Iùgoslaibhia a chruthachadh tron Chòrdadh Rapallo ann an 1918,<ref>[http://www.prlib.ru/History/Pages/Item.aspx?itemid=1019 PRLIB]</ref> dìreach an dèidh [[An Cogadh Mòr|a' Chogaidh Mhòir]] nuair a bhris [[Ostair-Ungaire]] a-mach às a chèile. B' e [[monarcachd]]<ref>[http://www.axl.cefan.ulaval.ca/europe/yougoslavie-royaume.htm AXL]</ref> a bh' ann agus mhair an stàit seo gu ruige [[1 an Giblean]] [[1941]] nuair a thug [[A' Ghearmailt]], [[An Ungair]] agus [[An Eadailt]] ionnsaigh oirre.<ref>[http://www.ushmm.org/wlc/en/article.php?ModuleId=10005456 USHMM]</ref> An dèidh [[Darna Cogadh|a' Chogaidh]] chaidh crìochan na stàite a leasachadh, a' gabhail a-steach [[Istria]], [[Zadar]] agus [[Riejka]], a bhuineadh dhan Eadailt ron a' chogadh. Chuireadh às dhan Mhonarcachd ann an [[1945]]<ref>[http://mjp.univ-perp.fr/constit/yu.htm Université de Perpignan]</ref> agus chaidh Poblachd Shòisealach a ghairm ann an [[1946]]. Ann an [[1963]] chaidh structair feadarail a chur air bhog,<ref>[http://www.oecd-ilibrary.org/economics/etudes-economiques-de-l-ocde-yougoslavie_22249931;jsessionid=1v6sflfr8t7tf.x-oecd-live-03 OECD]</ref> a' roinneadh na dùthcha ann an sia [[Poblachd|poblachdan]] fèin-riaghalaidh. Aig deireadh nan [[80an]] thoisich pròiseas far a bhriseadh na stàite ann an dùthchannan na bu lugha air sàilleabh staing an [[eaconomaidh]] agus trioblaid eadar na nàiseanan nuair a chaidh [[Co-mhaoineas]] sìos an dèidh [[1989]].<ref>[http://www.zeitklicks.de/ddr/zeitklicks/zeit/politik/die-wende/friedliche-revolution/ Zeitclicks]</ref> Bha sreath dhe [[Cogadh sìobhalta|cogaidhean sìobhalta]]<ref>[http://www.histoire-pour-tous.fr/dossiers/93-histoire-recente/3859-guerre-en-ex-yougoslavie--aux-origines-du-conflit.html Histoires pour tous]</ref> fuilteach ann gus a chaidh Iùgoslaibhia a bhith mu dheireadh thall. Chuireadh ainmean gu Còrdadh na Sìthe ann an [[Dayton, Ohio|Dayton]] ann an [[1995]].<ref>[http://peacemaker.un.org/sites/peacemaker.un.org/files/BA_951121_DaytonAgreement.pdf UN]</ref> Tha fearann Iùgoslaibhia air a roinneadh eadar [[Bosna agus Hearsagobhana]], [[Cosobho]], [[Poblachd na Cròthaise]], [[Masadoinia]], [[Am Monadh Neagrach]], [[Sloibhìnia]] agus [[An t-Sèirb]].
 
==Iomraidhean==