An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Poblachd Rhodàinia"

Chaidh 18 baidhtichean a chur ris ,  5 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
 
B' e [[dùthaich]] anns an [[Roinn-Eòrpa]] a bha fo bhuaidh [[An Fhraing|na Frainge]] a bh' ann am '''Poblachd Rhodàinia'''<ref>[http://www.hls-dhs-dss.ch/textes/f/F8645.php Dictionnaire Historique de la Suisse]</ref> ([[Fraingis]]: ''République rhodanienne''). Mhair [[Poblachd|a' Phoblachd]] dìreach ochd [[bliadhna]] bho [[1802]], nuair a rinn [[Napoleon Bonaparte]] atharraidhean mòra air structair phoileataigeach na [[An Eilbheis|na h-Eilbheis]], gu ruige [[1810]]. B' e [[Lausanne]] a bh' ann [[prìomh-bhaile]] na dùthcha<ref>
Jean-Luc Rouiller, Le Valais par les dates: une chronologie des origines à nos jours, [[Sion]], [[1999]].</ref> agus bhuineadh [[Fribourg (Canton)|Fribourg]], [[Valais (Canton)|Valais]] agus [[Vaud (Canton)|Vaud]] dha. Aig an toiseach tòisichidh ann an [[1798]], ri linn nan [[cogadh|cogaidhean]] air feadh na Roinn-Eòrpa a lean [[Ar-a-mach na Frainge]], thug feachdan na Frainge ionnsaigh air An Eilbheis. Bha an t-Seinealair Guillaume Brune,<ref>Notice historique sur la vie politique et militaire du marechal Brune (Paris, [[1821]])</ref> a bha os cionn an Airm, airson An Eilbheis a sgaradh ann an trì stàitean beaga (Poblachd Rhodàinia, Tellgau agus Helventien),<ref>R.R. Palmer, The Age of Democratic the Revolution, PUP, [[Princeton]], [[1964]]</ref> a-rèir [[Cànan|a' chànain]] a bha ga bruidhinn agus cuideachd air sàilleabh feumalachd poileataigeach Arm na Frainge. Cha do ghabh ach aon dhuibh a chruthachadh. Cha do mhair a' Phoblachd mòran, agus i ann an earbsa ri feachdan na [[An Fhraing|Frainge]].<ref>[https://vslibre.wordpress.com/tag/republique-rhodanienne/ Valais Libre]</ref> AnnAir [[13 an Dùbhlachd]] 1810 thug An Fhraing thairis air Rhodàinia, ga riaghladh bho [[Paris|Pharis]] mar sgìre (Fraingis: Départment) air an robh ''Simplon''.
 
==Bailtean==
35,754

deasachadh