An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gotha"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 22:
==Eachdraidh==
Chaidh Gotha a chlàradh airson a' chiad turais air [[25 an Damhair]] [[775]] mar Villa Gotaha, ann an sgrìobhainn aig [[Teàrlach Mòr]].<ref>[http://www.rennsteigtipp.de/gotha.html Rennsteigtipp]</ref> Tha ''Villa'' a' ciallachadh taigh ann an [[Laideann]] agus tha ''gotaha'' a' ciallachadh deagh uisgeachan ann an t-seann [[Gearmailtis|Ghearmailtis]]. Chan eil Gotha idir faisg air [[abhainn]] agus chuireadh sin bacadh air malairt, a bharrachd air duilgheadasan a thaobh solar uisge. Le sin, thogadh canal ann an [[1369]], a' toirt uisgeachan nan aibhnichean Hörsel agus Apfelstädt às na coilltean a tha còrr is 25km bho Ghotha. Thug sin piseach air [[eaconomaidh]] na sgìre. Chaidh [[abaid]] a thogail an seo ann an [[1251]], ach chaidh a leigeil bàn ri linn [[An t-Ath-Leasachadh|an Ath Leasachaidh]] ann an [[1525]]. Thoisich An t-Ath Leasachadh an seo ann an [[1515]] nuair a shearmonaich [[Martin Luther]] anns a' bhaile.<ref>[http://www.luther-in-thueringen.com/de/gotha.html Luther in Thüringen]</ref> Eadar [[1572]] agus 1680 bha Gotha na phàirt Sachsen-Coburg. Rinn [[Cogadh nan 30 Bliadhna]] droch bhuaidh air a' bhaile. B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg]] a bh' ann bho [[1680]] gu ruige [[1826]]. Chaidh a' chiad Almanach de Gotha fhoillseachadh an seo ann an [[1763]].<ref>[http://www.gotha1763.com/ Gotha 1763]</ref> Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an [[1920]], an dèidh [[Ar-a-mach na Gearmailt]].<ref>[http://www.novemberrevolution.de/ Novemberrevolution]</ref>
 
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Gastonia]]
*[[Faidhle:Flag of Poland.svg|22px]] [[Kielce]]
*[[Faidhle:Flag of Slovakia.svg|22px]] [[Martin]]
*[[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Romilly-sur-Seine]]
*[[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Salzgitter]]
 
== Iomraidhean ==