An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

Content deleted Content added
b Providing a link to Scots and English
No edit summary
Loidhne 22:
== Ceàrnan ==
[[Faidhle:Glasgow New Wards.PNG|thumb|300px|left|Uàrdan Ghlaschu.]]
Ged a bha caochladh thuineachaidhean airson nam mìltean de bhliadhnaichean far a bheil Glaschu na laighe aig an àm a tha an làthair, chaidh a' bhaile fhèin a stèidheachadh le Naomh Mungo timcheall eaglais far a bheil an Cathair-eaglais Ghlaschu an-diugh. Rè nan linntean, sgaoil am baile gu mòr anns gach àird, thar [[Abhainn Chluaidh]] mar an ceudna, agus thionndaich iomadh clachan is baile eile gu pàirt den chathair. Tha e a-nis ann an crìch ri [[Rinn Friù]] agus [[Bruach Chluaidh]] gu taobh an iar. Chaidh [[Comhairle Cathair Ghlaschu]] a chuir air bonn ann an 1996 agus tha 21 [[Uàrd|uàrdan]] fon t-smachd aice a-nis.
 
=== Uàrdan ===
Loidhne 33:
* an dà stèisean rèile as motha ann an Glaschu ([[Stèisean Meadhan Ghlaschu|Glaschu Mheadhain]] is [[Stèisean Sràid na Banrighinn|Glaschu Sràid na Banrighinn]])
* an togalach agus an taigh-còmhnaidh as sine anns a' chathair aig ceann na Sràide Àirde, fa leth [[Cathair-eaglais Ghlaschu]] agus "[[Provand's Lordship]]"
* làthairean cultarach mar [[Taigh-cluiche Rìoghail (Glaschu)|Thaigh-cluiche Rìoghail]], [[Talla Consairt RìoghalRìoghail Ghlaschu]] no [[Gailearaidh Ealain Ùr-nòsach (Glaschu|Gailearaidh Ealain Ùr-nòsach]]
* àrainnean bhùtanbhùthan mar Shràid Bhochanan, Sauchiehall Street no Ionad Naomh Enoch
 
=== Ceann an Iar ===
Tha ''Ceann an Iar'' air a' cheàrn dìreach ri taobh Meadhan na Cathrach, ged a tha farsaingeachd na h-abairte a' fàs. Tha [[Abhainn Cheilbhinn]] a' ruith tron cheàrn ro a comar le Abhainn Chluaidh. Am measg nan àiteachan cudromach ann tha [[Oilthigh Ghlaschu]], [[Pàirc Kelvingrove]] (anns a bheil [[Gailearaidh Ealain is TaigTaigh-tasgaidh Kelvingrove]]), taigh-tasgaidh còmhdailcòmhdhail ann an [[Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne]] agus [[Gàrradh Lusan Ghlaschu]]. 'S ann ann an Ceann an Iar a tha [[PàrtaigPartaig]], a' phàirt Ghlaschu as motha a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus na Gàidheil, le buidhnean mar [[Comhairle nan Leabhraichean]].
 
=== Ceann an Ear ===
Loidhne 43:
 
=== Taobh a Deas ===
Thathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' [[BBC Scotland|BhBC Scotland]] agus an [[STV]], lann-cluiche buill-choise nàiseanta [[Pàirc Hampden]] no grungrunn phàircean, nam measg [[Pàirc Dùthcha Pollok]], an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach [[Cruinneachadh Bhurreill]]. Tha mòran [[iomall-bhaile|iomall-bhailtean]] agus [[baile-eisimeil|bailtean-eisimeil]] aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. [[An Ruadh-Ghleann]] agus [[Camas Long]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas|Siorrachd Lannraig a Deas]] no [[Giofnag]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear|Siorrachd Rinn Friù an Ear]].
 
=== Glaschu a Tuath ===
Loidhne 49:
 
== Sluagh-thomhas ==
Tha Glaschu na cathair le àireamh-sluaighshluaigh as motha ann an Alba airson na linntean. Eadar na 1920an is na 1960an bha barrachd air aon mhillean duine a' fuireach anns a' chathair, leis an àireamh a bu mhotha air a' chlàradh ann an 1931, nuair a ràinig e 1,088,000.<ref>[http://www.demographia.com/db-glasgow.htm Demographia: Glasgow: ''Population & Density 1891-2001'']</ref>
 
A rèir a' chunntais-shluaigh 2011, bha 593,200 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/censusresults/release1b/rel1bsb.pdf National Records of Scotland: ''Statistical Bulletin'', 21 Màrt 2013, td 7]</ref> Mar an ceudna, bha dùbhlachd sluaigh na bu mhotha ann an Glaschu na ann an comhairle ionadail eile sam bith anns an dùthaich, .i. 3,395 duine airson cilemeatair ceàrnagach (no 1,311 duine airson mìle ceàrnagach).<ref>[http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/censusresults/release1a/rel1asb.pdf National Records of Scotland: ''Statistical Bulletin'', 17 Dùbhlachd 2012, td 14]</ref> Cuideachd, tha dòchas-beatha as lugha anns an Rìoghachd Aonaichte ann an Glaschu: ann an 2011, b' e sin 71 bliadhna airson fireannaich agus 78 airson boireannaich (bha na cuibheasan 75 agus 80 airson Alba air fad).<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-glasgow-west-15368400 BBC: Glasgow has lowest life expectancy in UK. 19 Dàmhair 2011]</ref>
 
Leis an in-imrich eachdraidheil bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan do Ghlaschu, tha coimhearsnachd gu dàimheach mòr den luchd-labhairt na Gàidhlig ann. Gu ruige 7/4/2013, chan deach toradh a' chunntais-sluaighshluaigh 2011 fhoillseachadh, ach aig àm a' chunntais-sluaighshluaigh 2001, bha 0.94%, .i. beagan nas lugha na 6,000 duine, ga bruidhinn ann.<ref>[http://www.scrol.gov.uk/scrol/browser/profile.jsp?profile=Population&mainLevel=Locality&mainText=Glasgow&mainTextExplicitMatch=true&compLevel=CountryProfile&compText=&compTextExplicitMatch=null Scotland's Census Results OnLine]</ref>
 
== Giùlan ==
Loidhne 83:
* [[Oilthigh Chailleanach Ghlaschu]], stèidhichte ann an 1993 mar choimeasgadh de Ghlasgow Polytechnic agus Colaisde na Banrighinn
 
A bharrachd air sin tha [[Oilthigh na h-Alba an Iar]] ann am [[Pàislig]], dìreach 7 mìle bho mheadhan Ghlaschu. Cuideachd, tha seachd colaisdean [[foghlam adhartach|fhoglaimfhoghlaim adhartaich]] anns a' bhaile: [[Colaisde Fhearann Anna]], [[Colaisde Chair Dhòmhnaill]], [[Colaisde Bhaile Ghlaschu]], [[Colaisde Stow]] (a tha a' tairgsinn cùrsaichean Ghàidhlig), [[Colaisde Ghlaschu a Tuath]], [[Colaisde John Wheatley]] agus [[Colaisde a' Thaobh Fhada]]. Mar sin, tha 168,000 oileanach anns a bhaile, àireamh as motha ann an Alba.<sup>''[fianais a dhìth]''</sup>
 
Tha 29 àrd-sgoiltean, 149 bun-sgoiltean agus trì sgoiltean àraidh ann an Glaschu, nam measg [[Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu]], bun-sgoil is àrd-sgoil a' lìbhrigeadh [[Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig]] as motha ann an Alba.
Loidhne 103:
* [[Thomas Graham]] (1805–1869), [[ceimigear]]
* [[Sir William Ramsay]] (1852–1916), ceimigear
* [[Charles Rennie Mackintosh]] (1868-1928), neach-ealainnealain
* [[Lord Alexander R. Todd]] (1907–1997), ceimigear
* [[Edwin Morgan]] (1920–2010), [[bàrd]]
Loidhne 109:
* [[Stuart Christie]] ([[1946]]), sgrìobhadair
* [[Donovan]] (r. 1947), ceòladair
* [[Annabel Goldie]] (r. 1950), tè-poilitigsphoilitigs
* [[RòsannaRosanna Choineagan]] (r. 1951), tè-poilitigsphoilitigs
* [[Brus Crawford]] (r. 1955), fear-poilitigs
* [[Linda Fabiani]] (r. 1956), tè-poilitigsphoilitigs
* [[Fearghus Ewing]] (r. 1957), fear-poilitigs
 
Loidhne 131:
== Ceanglaichean a-mach ==
{{commonscat|Glasgow}}
* [http://www.glasgow.gov.uk/ Làrach-lìn Comhairle Cathair ChlaschuGhlaschu]
 
* [http://www.glasgowguide.co.uk/maps-full.html Mapa Meadhan Ghlaschu]
Loidhne 139:
[[Roinn-seòrsa:Glaschu]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
 
{{Link FA|af}}
{{Link FA|lv}}
{{Link FA|ru}}
{{Link FA|sco}}