An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Template:Dùthaich Eachdraidheil | AINM = Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld<br><small>Herzogtum Sagsainn-Coburg-Saalfeld<small/></br> | BRATACH = Saxe-..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 7:
| BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1699]]
| BLIADHNA MU DHEIREADH = [[1825]]
| PRÌOMH-BHAILE = [[Saalfeld/Saale]] (ro [[1764]]) [[Coburg]]
| CÀNAN OIFIGEIL = [[Gearmailtis]]
| FARSAINGEACHD =
Loidhne 14:
}}
 
B’ e [[dùthaich]] bheag ann an cridhe [[a’ Ghearmailt|na Gearmailt]] a mhair bho [[1699]] – [[1825]] a bh’ anns an '''Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld''' ([[Gearmailtis]]: ''Herzogtum Sagsainn-Coburg-Saalfeld''). B’ e [[Saalfeld/Saale]] a bh’ ann [[prìomh-bhaile]] na dùthcha gu ruige [[1776]] agus an uair sin [[Coburg]] gu ruige 1825.
Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1681 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme<ref>Ernst der Fromme, Herzog zu Sachsen-Gotha und Altenburg: ein Beitrag zur Geschichte des 17. Jahrhunderts, Teil 1</ref> ([[Gàidhlig]]: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id53.html Almanach de Gotha]</ref> B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh [[lagh|laghail]] ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.<ref>[http://archive.spectator.co.uk/article/25th-january-1896/7/primogeniture-the-principle-of-primogeniture-is-on Spectator Archive]</ref>
Fhuair a mhac na b' òige, Johann Ernst, na sgìrean mu timcheall Shaalfeld agus Coburg, a bharrachd air pìosan beaga de fhearainn air feadh Shagsainn. Bha roinneadh nan oighreachdan sin gu math connspaideach agus mhair an deasbad mun chùis iomadh [[bliadhna]]. Mu dheireadh thall, cha d' fhuair Johann Ernst làn-chumhachd air Saalfeld, Grafenthal agus Probstzella. Bha Sagsainn-Coburg-Saalfeld na ball [[Co-chaidreachas na Rèine]] bho [[1806]] gu ruige [[1813]],<ref>[http://www.napoleon-series.org/research/government/Confederation/c_confederation1.html Napoleon]</ref> nuair a dh' atharraich [[Napoleon Bonaparte]] structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' [[Ìmpireachd Naomh na Ròimhe]].<ref>Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374</ref> Chuir Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 [[saighdear|saighdearan]] uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.<ref>Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486</ref> Chuireadh Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus [[Rìoghachd Bayern]] ainmean gu Còrdadh-crìche ann an [[1811]]: fhuair Sagsainn-Coburg-Saalfeld [[Fürth am Berg]], [[Hof an der Steinach]], [[Niederfüllbach]] agus [[Triebsdorf]] ach thug iad [[Gleußen]], [[Buch am Forst]] agus [[Herreth]] gu Bayern.<ref>[http://www.worldstatesmen.org/German_States4.html German States]</ref> Chaidh siostam na Diùcachd atharrachadh mòran ann an [[1825]]<ref>[http://www.deutsche-schutzgebiete.de/herzogtum_sachsen-meiningen.htm Deutsche Schutzgebiete]</ref> an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV à Sagsainn-Gotha-Altenburg.<ref>August Beck, Friedrich I., Herzog von Sachsen-Gotha und Altenburg. In: Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). vol VIII. Duncker & Humblot, Leipzig 1878, duilleag. 2.</ref> Nochd stàit ùr an àite Sagsainn-Coburg-Saalfeld air an robh Sagsainn-Coburg Gotha.