An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ìmpireachd Naomh na Ròimhe"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 13:
| BLIADHNA = [[1800]]
}}
 
 
B' e cruinneachadh dhe stàitean, [[dùthaich|dùthchannan]] agus tìrean ann an cridhe na [[Roinn-Eòrpa]] fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann '''Ìmpireachd Naomh na Ròimhe''' neo, bhon [[16mh Linn]] dhan [[18mh Linn]], '''Ìmpireachd Naomh Gearmailteach''' neo '''Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach'''<ref>H. Weisert, ''Der Reichstitel bis 1806'', ''Archiv fur Diplomatik'', 1994, dreach XL, duilleagan. 441–513.</ref>, ([[Laideann]]: ''Sacrum Imperium Romanum'', [[Gearmailtis]]: ''Heiliges Römisches Reich'', [[Eadailtis]]: ''Sacro Romano Impero'', [[Duitsis]]: ''Heilige Roomse Rijk'')<ref>Joachim Ehlers, "Natio 1.5 Deutschland und Frankreich", ''Lexikon des Mittelalters'', Bd. 6, Sp. 1037&nbsp;f.</ref> Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns [[a' Ghearmailt]] a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd. Canadh cuideachd rithe ''A' chiad Reich'' neo ''Seann Ìmpireachd'', gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus [[Ìmpireachd na Gearmailte]] ([[1871]] - [[1918]]). Bhathar dhen bheachd san [[10mh Linn]] gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd [[Teàrlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal ''Naomh'' san ainm ach fo Friedrich I. ann an [[1157]] airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.<ref>[http://europaunion.org/HRRDN.html HRRDN]</ref>