An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Napoléon Bonaparte"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
Bha '''Napoleon Bonaparte''' ([[15 an Lùnasdal]] [[1769]] - [[5 an Cèitean]] [[1821]]) na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rùghadh e ann an Ajaccio, Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha, agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.
 
Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am [[Paras]] nuair a bha e dìreach 14 bliadhna a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn [[Ar-a-mach na Frainge]], agus ged a chaill iad [[an Èipheit]], dh'fhàs Napoleon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.
 
Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh.