An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bad Lobenstein"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Lobenstein a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1250]], mar oighreachd [[ridire]] air an robh Otto von Lobenstein.<ref>[http://www.deutsche-schutzgebiete.de/lobenstein.htm Deutsche Schutzgebiete]</ref> Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh mhalairt ann an [[1278]] agus chaidh [[pròbhaist]] agus [[talla a' bhaile]] a chur air dòigh ann an [[1411]].<ref>[http://www.thuringia-tourism.com/travel-hotel-holiday-tour/bad-lobenstein-102274.html Thuringia Tourism]</ref> Ann an [[1632]],<ref>[http://kindermuseum-thueringen.de/nc/museum.html?tx_museum_pi1%5BshowUid%5D=86 Kindermuseum Thüringen]</ref> ri linn [[Cogadh nan Trichead Bhliadhna]], thug feachdan na [[An t-Suain|Suaine]] ionnsaigh air Lobenstein. B' e Arm na [[An Fhraing|Frainge]] a thug ionnsaigh air a' bhaile dìreach ro Chath Jena ann an [[1806]]: Chuir 190,000 [[saighdear]] às an Fhraing ruaig air na feachdan a bha an urra ris a' bhaile a dhìon. B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Prionnsalachd Reuß-Lobenstein]] a bh' ann bho 1806 gu ruige [[1824]].<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id31.html Almanach de Gotha]</ref> Chaidh a' mhòr-chuid dhen bhaile a losgadh ann an teine ann an [[1862]]. Stèidheachadh rèile tron sgìre ann an [[1896]].<ref>[http://www.hoellentalbahn.net/historie.htm Hoellentalbahn]</ref> Ri linn an [[Darna Cogadh|Darna Cogaidh]] chuir mu 60 duine às an àirde an ear na [[Roinn Eòrpa]] an cogadh seachad ag obair san taigh-gnìomhachais ''Werner Schröder.''
 
== Iomraidhean ==