An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Chorùna"

Content deleted Content added
minimal renamings
No edit summary
Loidhne 15:
Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' [[mailisi|mhailisi]]. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] far an deach a leòn aig Blàr [[an Somme]]. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus '[[An Eala Bhàn]]'.
 
Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na [[clachaireachd|chlachair]] agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a- Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean- coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.
 
Tha deagh chuid de bhàrdachd Dhòmhnaill ri leughadh ann an 'Dòmhnall Ruadh Chorùna', F. MacAmhlaigh agus S. A. Mac a' Phearsain (Uibhist, 1995), ach tha tòrr eile ann nach deach riamh an clò.