An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beinn Rothaich"
Content deleted Content added
No edit summary |
No edit summary |
||
Loidhne 2:
'S e [[beinn]] ann an [[Alba]] a tha os cionn 3,000 troigh (914.4m) de dh'àirde a th' ann am '''Beinn Rothaich'''. Tha 282 dhiubh ann. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Ridire Ùisdean Rothach (Sir Hugh Munro) (1856–1919), a chruthaich liosta de na beanntan seo ann an 1891. Ma tha mullach beinne os cionn 3,000 troigh, ach nach eil na bheinn fa-leth, 's e '''mullach Rothaich''' a th' ann. Anns an ath-sgrùdadh de na beanntan seo ann an 2012, a tha foillsichte le Club Streapadaireachd na h-Alba, bha 282 Beanntan Rothaich ann agus 227 mullaich Rothaich eile. Dh'atharraich àireamh nam Beinn Rothach bho àm gu àm nuair a chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh le innealan de theicneòlas nas ùire agus nas mionaidiche.
Anns a' Chèitean agus an Iuchar 2009 rinneadh ath-sgrùdadh air na beanntan a bha faisg air 3,000 troigh. Air 10 An t-Sultain 2009 chaidh ainmeachadh gu bheil a' bheinn Sgùrr nan Ceannaichean, aig ceann a' deas Gleann Carrainn, 2,997
Anns an t-Sultain 2012, bha liosta nam Beinn Rothaich a' gabhail a-steach 282 beanntan Rothaich agus 227 mullaich Rothaich eile.
'S e cur-seachad a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-streap a bhith a' dìreadh gach aon de na Beanntan Rothaich agus a' cumail clàr air an adhartas. Thathar a’ cur an ainm car éibhinn “pocadair rothach” air na daoine sin. Ge-tà, gach bliadhna caillidh daoine an cuid beatha air na beanntan agus an t-[[aimsir|sìde]], an talamh gharbh no dìth-shlàinte a' fàs mar dhùbhlan dhaibh.
== Iomraidhean ==
|