An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Primo Levi"

Content deleted Content added
No edit summary
Tagaichean: Deasachadh inneil-làimhe Deasachadh-lìn inneil-làimhe
Loidhne 14:
 
==Beatha ron Chogadh==
Thogadh Primo Levi ann an Torino, annagus anbhuineadh e do [[teaghlach|theaghlach]] [[Iùdhachd|Iùdhach]] [[libearalach]]. Bha obair aig [[athair]], Cesare, còmhla ri companaidh air an robh Ganz<ref>[http://www.wienerlibrary.co.uk/Detail_documents?item=13&offset=50 Weiner Library]</ref> agus chuireadh esan seachad tòrr ùine a' siubhal thall thairis dhan [[An Ungair|Ungair]] às leth Ghanz. Bha Cesare uabhasach dèidheil air leughadh agus dh'ionnsaich e fhèin. Chaidh a [[Màthair|mhàthair]], Ester "Rina" Luzzati dhan [[sgoil]] Maria Letizia,<ref>[http://www.museotorino.it/view/s/8e3dc624272d424587c0ec85fe5e40ce Museo di Torino]</ref> bha [[Fraingis]] siùbhlach oirre agus chluicheadh i a' phiàna. B 'e athair Rini a chuir am pòsadh air dòigh agus cuideachd b' e esan a thug flat spaideil air an Via Re Umberto dhaibh,<ref>[http://www.jewishitaly.org/detail.asp?ID=1017 Jewish Italy]</ref> far a rugadh Primo Levi, far a dh'fuiricheadh e fad a bheatha agus far a chaochail e. Rugadh a [[piuthar|phiuthar]], Anna Maria, ann an [[1921]]. Bha dlùth dàimh aca fad am beatha. Thoisich e am [[bunsgoil]] Felice Rignon ann an Torino ann an [[1925]].<ref>[http://www.comune.torino.it/servizi-educativi/adotta/sch_a-m-02/01_rignon.htm Comune di Torino]</ref> Chaidh e dhan [[àrd-sgoil]] ''Massimo d'Azeglio'' as t-fhoghar [[1930]], a' tòiseachadh ÀS2 an àite ÀS1 oir bha e deagh oideachaidh fhaighinn aig an [[taigh]] fad [[bliadhna]].<ref>[http://www.primolevi.it/index.php?title=Web/Italiano/Strumenti/Archivio/120_Fondi_sparsi/220_Liceo_Massimo_D%27Azeglio Primo Levi]</ref> B' e an sgoilear na b' òige agus na bu tapaidh sa clas a bh' ann agus an aon Iùdhach cuideachd agus le sin bhiodh cuid dhuibh ag obair air bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, chuir e seachad dà bhliadhna ann an sgoil Talmud Torah gus òran a ghabhail san [[Sionagog]] aig a Bhar Mitzvah, ann an [[1932]].<ref>[http://www.salonelibro.it/it/home/203-altri-progetti-del-salone/portici-di-carta/11917-passeggiata-letteraria-5-itinerario-san-salvario-primo-levi-carolina-invernizio.html Salone Libro]</ref> Thoisich e [[ceimigeachd]] aig oilthigh Torino as t-fhoghar [[1937]] agus thug e ceum ann ann [[1941]].<ref>[http://www.primolevi.it/web/italiano/contenuti/scienza Primo Levi]</ref> Bha dreuchd aige leis a' chompanaidh Wander, ann am [[Milano]]. B' urrainn dha an cùrsa aige a choileanadh, a dh'aindeoin gu robhar a' cur [[lagh|laghan]] a chuireadh bacadh air oileanaich Iùdhach sna oilthighean air feadh na h-Eadailte.
 
==An Cogadh==