An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dessau-Roßlau"

Content deleted Content added
b Ghluais Allmhurach duilleag Dessau gu Dessau-Roßlau
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] mòr faisg air [[Bernburg]] air an àirde an ear [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann an '''Dessau-Roßlau'''. Chaidh a chruthachadh ann an [[2007]] nuiair a chuireadh Dessau agus Roßlau ri chèile. Tha e suidhichte aig 59m os cionn ìre na [[Muir|mara]], aig [[comar]] nan [[Abhainn|aibhnichean]] Mulde agus Elbe, anns an stàit [[Sagsainn-Anhalt]]. Tha am baile 135km air falbh bho [[Dresden|Dhresden]], 181km bho [[Hànobhar]], 56km bho [[Leipzig]] agus 111km bho [[Berlin|Bherlin]].<ref>[http://www.luftlinie.org Luft Linie]</ref> Tha 84,606 duine a' fuireach ann.<ref>[https://www.destatis.de Destatis]</ref> 'S ann à ''Tis'' ann an [[Slàbhais]] agus ''Aue'' anns [[Gearmailtis]] a tha an t-ainm.
 
==Eachdraidh==
Chaidh Dessau a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1213]] mar ''Dissowe.'' Ràinig [[An t-Ath-Leasachadh]] ann an [[1526]], ach cha do ghabh am baile ris ach an ceann 14 [[bliadhna]] làn còmhstri agus connspaid, gus a fhuair na [[Pròstanachas|Pròstanaich]] làmh an uachdair ann an [[1540]]. B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Prionnsalachd Anhalt]] a bh' ann bho [[1570]] gu ruige [[1603]] agus an nuair na stàite [[Prionnsalachd Anhallt-Dessau]] gu ruige [[1863]], nuair a chaochail an diùc mu dheireadh gun chlann.<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id275.html Almanach de Gotha]</ref> Chaidh an sgoil-ailtireachd ''Bauhaus'' gluasad bho [[Weimar]] gu Dessau ann an [[1925]], oir bha na Nàsaich an tòrr oirre. Dhùnadh i ann an [[1931]] agus cha do dh'fhosgail i a-rithist ach ann an [[1986]]. Fhuair an [[sgoil]] sin dìon fo sgèith UNESCO ann an [[1996]]. 'S ann ann an Dessau far a dhèanadh an gas Zyklon B, a chaidh a chleachdadh anns na campaichean a stèidhich na Nàsaich gus na h-[[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus eile a mharbhadh.<ref>[http://www.zyklon-b.info/firmen/fine.htm Zyklon B]</ref> Bhathar ga dhèanamh aig an t-seann taigh-gnìomhachais [[siùcar|siùcair]] ''Dessauer Zuckerrraffinerie GmbH,'' eadar [[1942]] agus [[1945]]. Air [[7 am Màrt]] 1945 rinn feachdan nan [[Stàitean Aonaichte]] lèir sgrios air a' bhaile agus an ceann sia seachdain ghèill am baile dhibh.
 
==Daoine Ainmeil==
*[[Moses Mendelsohn]]: [[1729]] - [[1786]]
*[[Kurt Weil]] - [[1900]]: [[1950]]
 
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Argenteuil]]
* [[Faidhle:Flag of Austria.svg|22px]] [[Klagenfurt am Wörthersee]]
* [[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Ludwigshafen]]
* [[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Ibbenbüren]]
* [[Faidhle:Flag of Poland.svg|22px]] [[Gliwice]]
* [[Faidhle:Flag of Lithuania.svg|22px]] [[Nemenčinė]]
* [[Faidhle:Flag of the Czech Republic.svg|22px]] [[Roudnice nad Labem]]
 
== Iomraidhean ==