An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Socach (Gleann Afraig)"

Content deleted Content added
b ceartachadh ainm
b ceangal
Loidhne 18:
'S e [[beinn]] ann an [[Gleann Afraig|Afraig an Iar]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ anns '''an t-Socach'''. Tha e 921 m de dh’àirde agus ’s [[Beinn Rothaich]] a th' ann. Tha e suidhichte os cionn Allt Beithe ann an [[Gleann Afraig]] ann an sgìre glè iomallach. Tha an t-ainm a' ciallachadh sròn muice<ref name=" Drummond"> Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 93</ref>. Feumar a bhith cùramach, oir tha beinn eile leis an ainm [[An Socach (Gleann Canaich)|An Socach]] os cionn [[Loch Mullardoch]] ann am Frìth [[Beinn Fhionnlaidh]] an Ear.
 
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig (anns an ostail no a' campachadh), agus ga dhìreadh bho Allt Beithe tro Choire na Cloiche. Tha e reusanta a bhith ga cheangal le [[Sgùrr nan Ceathramhnan]], agus bidh an fheadhainn èasgaidh ga cheangal cuideachd le [[Màm Sodhail]], [[Càrn Eige]] agus Beinn Fhionnlaidh air neo le [[Mullach an Deargain|Mullach na DeiragainDheiragain]] <ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/lochness/Ceathreamhnan.shtml An Socach, Sgùrr nan Ceathramhnan agus Mullach na Dheiragain air Walkhighlands]</ref>. tha dromanan fada a' ceangal nam beann seo uile ri chèile agus fhaodadh coiseachd fad làithean.
 
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Oighreachd Mhonar, [[Cinn Tàile]] agus Loch Mullardoch.