An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sigmaringen"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] meadhanach faisg air [[Hechingen]] ann an ceann a deas [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann an '''Sigmaringen'''. Tha e suidhichte eadar 578m agus 794m os cionn ìre na [[Muir|mara]], ri taobh na [[Abhainn|h-aibhne]] Dainiub, faisg air na [[Beinn|Beanntan]] Schwäbischer Alb,<ref>[http://www.schwaebischealb.de/Staedte/Staedte-Orte/Sigmaringen Schwäbische Alb]</ref> anns an stàit [[Baden-Württemberg]]. Tha am baile 77km air falbh bho [[Stuttgart]], 68km bho [[Ulm]], 175km bho [[München|Mhünchen]] agus 576km bho [[Berlin|Bherlin]].<ref>[http://www.luftlinie.org Luft Linie]</ref> Tha 15,517 duine a' fuireach ann.<ref>[https://www.destatis.de Destatis]</ref> Chaidh Sigmaringen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an [[1077]] mar ''Sigmar'', ann an sgrìobhainnean an Rìgh Rudolf von Schwaben.<ref>Max Miller, Gerhard Taddey: Handbuch der historischen Stätten Deutschlands, Band 6, Baden-Württemberg. 2. Auflage. [[1980]], ISBN 3-520-27602-X, S. 297.</ref> Chaidh taigh-pearsain a thogail ann an Laiz, dìreach ri taobh Sigmaringen, ann an [[1231]] agus thogadh fear eile anns a' bhaile fhèin ann an [[1480]] cuideachd. Cha do ghabh sluagh na sgìre leis an [[Ath-leasachadh]]. Cheannaich Ulrich III. von Württemberg e ann an [[1325]], ghabh an Iarlachd-crìch Brandenburg thairis air ann an [[1415]] agus, mu dheireadh thall, thug an [[teaghlach]] [[uasal]] Hohenzollern seilbh air a' bhaile ann an [[1535]].<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id16id49.html Almanach de Gotha]</ref> Thug Arm na [[An t-Suain|Suaine]] ionnsaigh air Hechingen ann an [[1632]] ach dh' fhàilnich iad. B' e [[prìomh-bhaile]] [[Prionnsalachd Hohenzollern-Sigmaringen|Hohenzollern-Sigmaringen]] a bh' ann bho [[15671576]] gu ruige deireadh na stàite ann an [[1849]].<ref>Loher EG: Geschichte, Land und Ortskunde der Souverainen Teutschen Fürstenthümer Hohenzollern Hechingen und Sigmaringen. Stettinischen Buchhandlung, [[Ulm]], [[1842]]</ref> Chaidh eadar 150 gu 180 duine à Sigmaringen a mharbhadh leis na Nasaich ann an Sigmaringen ri linn [[An Dàrna Cogadh|An Dàrna Cogaidh]], o chionn's gu robh iad uile a' fulang mì-rianan ginteil.<ref>Gabriel Richter: Die psychiatrische Abteilung des Fürst-Carl-Landeskrankenhauses in Sigmaringen im „Dritten Reich“. Leiden, Stigmatisierung, Sterilisation und Tötung angeblich unheilbar Kranker am Beispiel der Hohenzollerischen Lande. In: Zeitschrift für Hohenzollerische Geschichte. 30/31 ([[1994]]/[[1995]]), S. 241–282</ref>
 
== Bailtean Co-cheangailte ==