An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Socach (Gleann Afraig)"

Content deleted Content added
b Ghluais Each-uisge duilleag An Socach gu An Socach (Gleann Afraig): Tha dà ann leis an aon ainm
b ceangal
Loidhne 16:
 
 
'S e [[beinn]] ann an [[Gleann Afraig|Afraig an Iar]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ anns '''an t-Socach'''. Tha e 921 m de dh’àirde agus ’s [[Beinn Rothaich]] a th' ann. Tha e suidhichte os cionn Allt Beithe ann an [[Gleann Afraig]] ann an sgìre glè iomallach. Tha an t-ainm a' ciallachadh sròn muice<ref name=" Drummond"> Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 93</ref>. Feumar a bhith cùramach, oir tha beinn eile leis an ainm [[An Socach (Gleann Canaich)|An Socach]] os cionn [[Loch Mullardoch]] ann am Frìth Beinn Fhionnlaigh an Ear.
 
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig (anns an ostail no a' campachadh), agus ga dhìreadh bho Allt Beithe tro Choire na Cloiche. Tha e reusanta a bhith ga cheangal le [[Sgùrr nan Ceathramhnan]], agus bidh an fheadhainn èasgaidh ga cheangal cuideachd le [[Màm Sodhail]], [[Càrn Eige]] agus [[Beinn Fhionnlaigh]] air neo le [[Mullach na Deiragain]] <ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/lochness/Ceathreamhnan.shtml An Socach, Sgùrr nan Ceathramhnan agus Mullach na Dheiragain air Walkhighlands]</ref>. tha dromanan fada a' ceangal nam beann seo uile ri chèile agus fhaodadh coiseachd fad làithean.