An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rolling Stone"

Content deleted Content added
minimal renamings
seantans a bharrachd
Loidhne 2:
 
Is e '''Rolling Stone''' [[iris]] Aimerigeanach mu dheidhinn [[ceòl|ciùil]] agus [[cultair poblaich]].
 
Nochdaidh iris ùr gach co-latha-deug. An-diugh, foillsichear e ann an ochd dùthchannan deug, [[Sìona]], [[na h-Innseachan]] agus [[An Ruis]] nam measg.
 
Chaidh a steidheachadh ann an [[San Francisco]] ann an [[1967]] le Jann Wenner (a tha fhathast na dheasaiche) agus sgrùdaire-ciùil Ralph J. Gleason. An toiseach bha e a' dol còmhla ris agus ag iomradh air a' [[cultar hippie|chultar hippie]] a bha cumanta den àm. An toiseach bha iad cuideachd a' cur astair eadar iad fhèin agus na beachdan bunasach aig pàipearan eile coltach riutha ach tro na seachdadan bhiodh susbaint aig feadhainn dhe na pìosan aca a' beantainn barrachd ri saoghal poileataigs gu h-àraid tro [[Hunter S. Thompson|Hunter Thompson]] nuair a thòisich e air sgriobhadh dhaibh. Chuidich an iris tòiseachadh dreuchdan daoine mar [[Cameron Crowe]] is [[Greil Marcus]] am measg feadhainn eile.
Line 8 ⟶ 10:
 
Ann an 2004, airson cumail dè bha iad a' faicinn mar an '50mh cò-là-breith aig roc', chuir iad ri chèile sreath de chlàran mar 'The 500 Greatest Albums of All Time' a' moladh agus ag aithneachadh euchdan eachdraidheal anns an seòrsa ciùil seo.
 
==Ceanglaichean a-mach==
* [http://www.rollingstone.com/ Làrach-lìn oifigeil]
 
[[Roinn-seòrsa:Meadhanan]]