An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Kirsteen NicDhòmhnaill"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
Tha '''Kirsteen NicDhòmhnaill''' ([[18 an Dùbhlachd|18 Dùbhlachd]] [[1983]]) na craoladair sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]].
 
Tha i a' toirt seachad an t-sìde air [[An Là]]. Tha i à [[Inbhir Nis]] agus ghabh i pàirt ann [[am Mòd Nàiseanta RioghailRìoghail]] sa bhliadhna 2006 agus 2008 far an do bhuannaich i Buinn Òir.
 
==Eachdraidh a Beatha==
Loidhne 11:
==Seinn==
 
Bhrosnaich an tidsear aice, [[Lisa Storey]], ri bhith seinn ann an co-fharpaisean nam Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Ann an Àrd-sgoil Allt na Muilne, 's i [[Seònaid NicGrìogairNicGriogair]] a chuidich i le òrain a' Mhòid agus òrain a sheinneadh i aig cèilidhean agus cuirmean.
 
Rinn i BA (le Urram) ann an Cànan agus Cultair na Gàidhlig aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] anns an Eilean Sgitheanach. Fhad 's a bha i aig Sabhal Mòr 's i [[Christine Primrose|Cairistìona Primrose]] a bha ga cuideachadh agus a' toirt comhairle dhith a thaobh òrain.
 
Bhuannaich Kirsteen [[Bonn Òr]] a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2006 aig [[Mòd DhunDhùn Omhain]] le cuideachadh a' deasachadh bho [[Ceana Chaimbeul|Cheana Chaimbeul]]. Fhuair i an Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2008 anns an [[An Eaglais Bhreac|Eaglais Bhric]], agus Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 2009 aig Mòd an Òbain. Tha i cuideachd na ball de [[Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu|Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu]].
 
==Craoladh==
Thòisich e air prògram na cloinne ''[[Dè a-nis?]]''. Bha i an uair sin na neach-naidheachd aig [[Radio nan Gàidheal|BBC Radio nan Gàidheal]]. Tha i a-nise a' toirt seachad naidheachdan na h-aimsir air an telebhisean air [[BBC ALBA]] agus do Reporting Scotland an-dràsta is a-rithist.
 
 
 
 
==Iomraidhean==