An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dà-theangachas"

Content deleted Content added
+ ceangal
No edit summary
 
Loidhne 2:
A-rèir [[Joshua Fishman]] tha dùthaich no coimhearsnachd dà-theangach, ma tha dà chànan gam bruidhinn ann an diofar roinnean, m.e. Beurla anns an roinn phoblach (riaghaltas, oileas, sgoil) agus Gàidhlig anns an roinn phrìomhaideach. Tha suidheachadh dà-theangach nas cumanta anns an t-saoghal na tha suidheachadh [[dà-chànanas|dà-chànanach]]. Chan eil na cànanan co-ionnan a thaobh inbhe agus mar as àbhaist tha aon chànan àrd (mar as àbhaist mòr-chànan) agus aon chànan ìosal ([[Mion-chànanan|mion-chànan]]). Thathar a' roinn dà-theangachas ann an dà-theangachas sealach agus dà-theangachas seasmhach.
 
Tha dà-theangachas '''sealach''' nas cumanta, gu h-àraidh far a bheil mion-chànanan an sàs. Tha seo ri fhaicinn nuair a tha [[Tionndadh Atharrachadh Cànain|atharrachadh-cànain]] a’ tachairt, gu h-àraidh nuair a tha am pròsaspròiseas aig toiseach gnothaich. Tha dà-theangachas a’ nochdadh mar cheum bho aon-chànanas anns an t-seann chànan gu aon-chànanas anns a’ chànan ùr.
 
Tha dà-theangachas '''seasmhach''' ri fhaicinn ann an grunn dhùthchannan, ach chan eil e ro- chumanta. Eisimpleirean: [[an Eilbheis]] (Schwyzerdütsch, [[Gearmailtis|Hochdeutsch]]), na dùthchannan Arabach (Arabais na dùthcha, Arabais Chlasaigeach). <ref>[[David Crystal]] (1987). ''The Cambridge Encyclopedia of Language''. Cambridge, Cambridge University Press, td. 43
</ref>