An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Diùcachd Sagsainn-Meiningen"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 14:
}}
 
B’ e [[dùthaich]] bheag ann an cridhe [[a’ Ghearmailt|na Gearmailt]] a mhair bho [[1681]] gu ruige [[1918]] a bh’ anns an '''Diùcachd Sagsainn-Meiningen''' ([[Gearmailtis]]: ''Herzogtum Sachsen-Meiningen'', [[IPA]]: ''zaksən maɪnɪŋən''). B’ e [[Meiningen]] a bh’ ann [[prìomh-bhaile]] na dùthcha. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1681 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme<ref>Ernst der Fromme, Herzog zu Sachsen-Gotha und Altenburg: ein Beitrag zur Geschichte des 17. Jahrhunderts, Teil 1</ref> ([[Gàidhlig]]: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id53.html Almanach de Gotha]</ref> B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh [[lagh|laghail]] ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.<ref>[http://archive.spectator.co.uk/article/25th-january-1896/7/primogeniture-the-principle-of-primogeniture-is-on Spectator Archive]</ref> Fhuair treas mac an diùc, Bernhard, an sgìre mu timcheall Mheiningen, a bharrachd air pìosan beaga de fhearainn air feadh Shagsainn. Bha Sagsainn-Meiningen na ball [[Co-chaidreachas na Rèine]] bho [[1806]] gu ruige [[1813]],<ref>[http://www.napoleon-series.org/research/government/Confederation/c_confederation1.html Napoleon]</ref> nuair a dh' atharraich [[Napoleon Bonaparte]] structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' [[Ìmpireachd Naomh na Ròimhe]].<ref>Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374</ref> Chuir Sagsainn-Meiningen agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 [[saighdear|saighdearan]] uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.<ref>Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486</ref> Chaidh piseach a thoirt gu oighreachdan Shagsainn-Meiningen ann an [[1825]]<ref>[http://www.deutsche-schutzgebiete.de/herzogtum_sachsen-meiningen.htm Deutsche Schutzgebiete]</ref> nuair a ghabhadh os làimh Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen, Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus am [[baile]] Saalfeld fhèin, an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV à Sagsainn-Gotha-Altenburg.<ref>August Beck, Friedrich I., Herzog von Sachsen-Gotha und Altenburg. In: Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). vol VIII. Duncker & Humblot, Leipzig 1878, duilleag. 2.</ref> Thug [[Ar-a-mach a' Mhìosa Dhuibh]] buaidh mhòr air Sagsainn-Meiningen agus leig an diùc Bernhard III dheth an crùn. Chaidh [[poblachd]], a bhuineadh dhan [[Poblachd Weimar|Phoblachd Weimar]] fhèin, a stèidheachadh na h-àite.<ref>[http://www.luchadeclases.org/inicio/movimiento-obrero/historia-del-movimiento-obrero/791-la-revolucion-alemana-de-1918-19.html Lucha de Clases]</ref>
 
==Ceannardan na Stàite==