An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ìmpireachd Naomh na Ròimhe"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 15:
 
 
B' e cruinneachadh dhe stàitean, [[dùthaich|dùthchannan]] agus tìrean ann an cridhe na [[Roinn-Eòrpa]] fo stiùireadh impire fad na meadhan aoisean a bh'ann '''Ìmpireachd Naomh na Ròimhe''' neo, bhon [[16mh Linn]] dhan [[18mh Linn]], '''Ìmpireachd Naomh Gearmailteach''' neo '''Ìmpireachd Naomh Nàisean nan Gearmailteach'''<ref>H. Weisert, ''Der Reichstitel bis 1806'', ''Archiv fur Diplomatik'', 1994, dreach XL, duilleagan. 441–513.</ref>, ([[Laideann]]: ''Sacrum Imperium Romanum'', [[Gearmailtis]]: ''Heiliges Römisches Reich'', [[Eadailtis]]: ''Sacro Romano Impero'', [[Duitsis]]: ''Heilige Roomse Rijk'')<ref>Joachim Ehlers, "Natio 1.5 Deutschland und Frankreich", ''Lexikon des Mittelalters'', Bd. 6, Sp. 1037&nbsp;f.</ref> Ged a gabhadh iomadh sgire a-steach dhan impireachd b' ann anns [[a' Ghearmailt]] a bha a' mhòr-chuid dhen Ìmpireachd. Canadh cuideachd rithe ''A' chiad Reich'' neo ''Seann Ìmpireachd'', gus sgaradh a dhèanamh eadar Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus Ìmpireachd na Gearmaile ([[1871]] - [[1918]]). Bhathar dhen bheachd san [[10mh Linn]] gur e stàit leantainneach laghail Ìmpireachd [[Teàrlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] agus seann Ìmpireachd na Ròimhe a bh' innte. Cha do nochd am facal ''Naomh'' san ainm ach fo Friedrich I. ann an [[1157]] airson coltas cràbhach dligheach a thoirt dhan stàit.<ref>[http://europaunion.org/HRRDN.html HRRDN]</ref>
 
Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don [[teaghlach]] Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a [[Pàp|Phàp]]<ref>[http://www.dw.de/la-coronaci%C3%B3n-de-carlomagno/a-4298522 Deutsche Welle]</ref> ann an [[800]] gu ruige [[888]], nuair a chaidh a chall ann an sreath dhe [[Cogadh|cogaidhean]] agus còmhstri eadar teaghlaichean [[uasal]]. Chaochail an tagradh mu dheireadh ann an [[924]] agus, mu dheireadh thall, chaidh Otto I., sliochd Theàrlaich Mhòir, a chrùnadh na impire, ann an [[962]].<ref>Norman F. Cantor (1993), Civilization of the Middle Ages, duilleagan. 212–215</ref> Mhair an Ìmpireachd fad 800 [[bliadhna]]. Dh' fhàsadh i agus chrìonadh i fad na linntean agus dh' atharrachadh na stàitean a bha na broinn: Diùcachdan, Prionnsalachdan, Rìoghachdan, [[Easbaigeachd|Easbaigeachdan]] agus fiù's [[Baile|bailtean]] saora marsanta.<ref>[http://www.historytoday.com/richard-cavendish/end-holy-roman-empire History Today]</ref> A dh'aindeoin sin, cha do leasachadh stàit chumhachdail aonadach a-riamh, leis cho làidir 's a bha cuid dhe na stàitean a bh'a ann, a bharrachd air na dùthchannan a bha ga cuairteachadh. Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an [[1806]]<ref>[http://www.dhm.de/archiv/ausstellungen/heiliges-roemisches-reich/index_3.html Deutsches Historiches Museum]</ref> fo bhuaidh na [[An Fhraing|Frainge]] agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar [[An Ostair]], [[A' Phruis]], [[An t-Suain]] agus [[Co-chaidreachas na Rèine]].
Bhuineadh an Tiotal Impire na Ròimhe don [[teaghlach]] Carolus bho na chaidh Teàrlach Mòr fhèin chrùnadh leis a [[Pàp|Phàp]] ann an [[800]].
 
Chuireadh às dhan Ìmpireachd ann an [[1806]] fo bhuaidh na [[An Fhraing|Frainge]] agus chaidh na tìrean sin a sgaradh eadar [[An Ostair]], [[A' Phruis]], [[An t-Suain]] agus [[Co-chaidreachas na Rèine]].
 
==Buille==
==Iomraidhean==
<references/>