An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bremen"

Content deleted Content added
No edit summary
Tagaichean: Deasachadh inneil-làimhe Deasachadh-lìn inneil-làimhe
Loidhne 20:
== Eachdraidh ==
Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Sgrìobh Claudius Ptolmaeus mu dheidhinn Phabiranum, a bha fo buaidh na Cauci ann [[150]].<ref>[http://www.worldportsource.com/ports/DEU_Port_of_Bremen_38.php World Port Source]</ref>
Anns an [[8mh Linn]] chaidh feachdan [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] gu ruige na h-aibhne Weser gus [[Crìosdaidheachd]] a thoirt do treubhan pàganach na sgìre.<ref>[http://www.alemania.net/bremen-la-historia-hecha-tradicion/ Alemania.net]</ref> Thug Riourik, Lochlannach às [[An t-Suain]], aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an [[859]] ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e.<ref>[http://gw2.geneanet.org/loic15?lang=fr;p=riourik;n=rurikides Geneanet]</ref> Chaidh [[easbaigeachd]] a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na [[Easbaig|easbaigean]] à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu [[Lochlann]] fad na linntean.
 
Bhagairt Heinrich XII à [[Bayern]] air cumhachd nan Easbaig anns an [[12na linn]].<ref> Karl Jordan, Henry the Lion. A Biography, ISBN 0-19-821969-5</ref> Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh' ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas [[An Cuan a Tuath|A’ Chuain Tuatha]] gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn [[Am Muir Baltach|na Mara Bhaltach]], is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an [[14mh Linn]] chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir.<ref>[http://www.deremilitari.org/resources/articles/ditchburn1.htm Deremilitari]</ref> Ach mu dheireadh thall, ann an [[1358]], ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an [[Lübeck]] is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.<ref>[http://www.worldportsource.com/ports/DEU_Port_of_Bremen_38.php World Port Source]</ref>