An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Sìobhalta na Spàinne"

Content deleted Content added
b →‎Fiomlaichean: ceartachadh an litreachaidh
No edit summary
Loidhne 39:
Thug feachan an Airm ann am [[Maroco]],<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> [[Iruña]], Burgos, [[Valladolid]], [[Cádiz]], [[Córdoba, An Spàinn|Cordoba]], agus [[Sevilla]] taic dhan ar-a-mach. Ach cha do ghabh na gearrastanan anns na bailtean mòra mar [[Madrid|Mhadrid]], [[Barcelona]], [[València]], [[Bilbao]] neo [[Málaga]] ann. Le sin, bha An Spàinn air a sgaradh gu poiliteagach agus aig ìre armailteach. Thoisich na Reubaltaich, leis an Seanailear Franco os an cionn, ri cogadh caithreimh a thoirt air an Riaghaltas [[Lagh|laghail]] airson an [[dùthaich]] a ghabhail os làimhe. Gheibheadh [[A' Phortagail]],<ref>[http://www.historiasiglo20.org/HE/14b-1.htm Historias Siglo 20]</ref> Rìoghachd [[An Eadailt|na h-Eadailt]] agus na Nàsaich san [[A’ Ghearmailt|Ghearmailt]] cobhair do na Reubaltaich, fhad ‘s a chuideachach [[Meagsago]] agus an [[Aonadh Sobhiat]] an fheadhainn a bha ri taobh na Poblachd. Gabhadh dùthchannan eile, mar [[An Rìoghachd Aonaichte]] agus [[An Fhraing]], ri polasaidhean oifigeil dhe neo-eadraiginn. Bha làmh an uachdair aig na [[co-mhaoineas|Comannaich]] taobh a-staigh na Poblachd aig deireadh an latha, air sgàth gu tug [[Stailinn]] taic dhi.
 
Chaidh buirbe is uamhas a dheànamh leis a h-uile buidheann a bha an sàs sa chogadh.<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> Rinneadh [[murt]] is sgrios fuilteach gu siostamataigeach air na daoine anns na [[Sgìre|sgìrean]] a bha fo bhuaidh nam feachdan aig Franco gus an rèisim ùr a bhonntachadh. Thachair murt na bu lugha san talamh fo smachd na Poblachd, ann am bitheantas an cois bristeadh sìos an lagha anns a’ chiad dol a-mach an dèidh an [[Rèabhlaid]] fhèin. Dh’atharrachadh cho deònach ‘s a bha ùghdarrasan na Poblachd a bhith a ghabhail ris a’ mhurt sin bho àite gu àite.<ref>Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1</ref> ‘S e bha cogadh bruideil fuilteach dìoghrasach a bh’ann co-dhiù. Chaidh na mìltean dhe daoine àbhaisteach a mharbadh air sgàth na [[Creideamh|creideamhan]] neo na beachdan poiliteagach aca, fiù’s an dèidh crìoch a’ chogaidh ann an [[1939]], ri linn tòrachd nan Nàiseantaich air na Poblachdaich, is iad dìreach air an cogadh a chall.
 
Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuannaich na Nàiseantaich is b’ fheudar do na mìltean dhe daoine na làimhe clì a dh’fhalbh thall thairis nam fògarraich.<ref>Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1</ref> Theich mòran dhuibh gu ruige nan campaichean san cheann a deas na Frainge.<ref>[http://tel.archives-ouvertes.fr/tel-00362523/fr/ Archives Ouvertes]</ref> Stèidhich an Seanailear Franco [[Deachdaire]]achd an dèidh a’ chogaidh, is dh’aontachadh gach uile [[Pàrtaidh phoileatagach]] na làimhe deise am broinn structar na Stàite ùire.