An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Christine Primrose"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Tha '''Christine Primrose''' (An Gearran [[1950]]-) na seinneadair [[Gàidhlig]] agus tidsear-ciùil. Rugadh i ann an [[Càrlabhagh]], [[Eilean Leòdhais]], ach tha i a' fuireach anns an [[Eilean Sgitheanach]] a-nis.
Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt ise fhèin ann an agallamh, ‘s e dìreach rudeigin nàdarach a bh’ ann ‘sansan teaghlach aice-seaicese. Bhuannaich i am Bonn Òr an t-Seann Nòis aig [[A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail|a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] ann an [[1974]] is duais aig a’ Phan Celtic Festival ann an [[1978]], agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd dhen cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an [[Aimearaga a Tuath]], [[Astràilia]], [[Sealan Nuadh]] agus anns an [[Roinn Eòrpa]], mar eisimpleir tha i air a bhith aig an [[Smithsonian Folklife Music Festival]] còmhla ri [[Alison Kinnaird]]. A bharrachd air sin, bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.
 
San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig, is gabhaidh i pàirt air ciùirmean-chiùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] bho [[1982]], a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho [[1993]] a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus cùrsaichean goirid.