An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh MacDhùnleibh"

Content deleted Content added
b default sort
No edit summary
Loidhne 5:
 
== Òigridh agus Foghlam ==
Ri taobh na h-aibhne, a ruitheas eadar Bail’ an t-saoir agus Bothwell ann an [[Siorrachd Lannraig]], lorgar togalach a chaidh a thogail anns an [[18mh Linn]], a’ tabhainn do mhuinntir an àite ionad far am faigheadh obair, rugadh Daibhidh Mac Dhùnlèibh, an darnadàrna mhac ann an teaghlach Nèill Mhic Dhùnlèibh, a bha pòsta aig Agnes Hunter. Ged nach b’e ach baile beag a bha ann am Bail’ an t-saoir, dh’fhàs e thairis air ceud bliadhna gu bhith na bhaile meinnearachdmèinnearachd agus a’ crochadh air luchd-obrach a thigeadh à Èirinn agus sgìrean air [[Gàidhealtachd na h-Alba|a’ Ghàidhealtachd]] mar an ceudna. Aig an àm a rugadh Daibhidh, cha robh ach 2,000 duine a’ fuireach agus a’ tighinn beò sa bhaile, agus mar thoradh air sin, ’s urrainn dhuinn dealbh fhaighinn nar n-inntinn mar sgìre dhùthchail, iomallach, bheag, aodhaireil. Bheireadh an tìr buaidh nach bu bheag air inntinn òg Dhaibhidh; bhiodh e feumail agus cuideachail dha na dhreuchd a thagh e na b’ an-moiche na bheatha.
An cois Gort a’ Bhuntàta anns na 1790an air Ulbha, far costa Mhuile ann an [[Earra-Ghàidheal]], thèich cha mhòr gach duine bhon eilean, a’ sìreadh beatha nach robh cho gàbhaidh. Thuinich a’ chuid a bu mhotha dhiubh ann an [[Canada]] agus [[Aimearaga a Tuath|Ameireaga-a-Tuath]], ach dh’fhàg Niall, seanair Dhaibhidh, Ulbha airson tìr nach robh idir cho coimheach; bhathar eòlach air cliù na Galldachd aig an àm airson tabhainn do theaghlaichean ann an èiginn fastadh teàrainte, agus far nach coinneachadh iad ri gort a leithid ris an tàinig iad trast air a’ Ghàidhealtachd. Mar thoradh air sgìlean agus urram a bha aig Niall (bha comas leughaidh aige anns a’ Bheurla agus comas labhairt anns [[Gàidhlig|a’ Ghàidhlig]] mar aon. Thigeadh seo gu bhith cho feumail fhad sa dhòirt tòrr mhuinntir às na Ghàidhealtachd a-steach anns na sgìrean mu chuairt Ghlaschu; agus fhuair e deagh thaic bhon fhoirfich co-cheangailte ris an eaglais a dh’fhàg e), thug e buaidh air an luchd-fastaidh, agus fhuair e obair ann am banca. Bha a theaghlach air tighinn gu beatha ùr.