An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rùm"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Loch Fiachanis, Rum.jpg|thumb|[[Loch Fiachanais]] ann am meadhan Rùm]]
[[Faidhle:Bloodstone Hill, Rum.jpg|thumb|A' Bhrideanach]]
[[Faidhle:KinlochCastleRum(AnneBurgess)May1974.jpg|thumb|Caisteal Cheann Locha, a chaidh a thogail le George Bullough]]
'S e aon de [[na h-Eileanan Tarsainn]] a tha ann an '''Rùm''' ([[IPA]]: [rˠuːm]). Tha e suidhichte anns [[na h-Eileanan a-staigh]] san àird a deas [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilein Sgitheanaich]] agus san àird an iar [[Mallaig|Mhallaig]]. Le 40 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Rùm an t-eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn.
 
== An t-Eilean ==
 
Tha [[Ceann Locha]] ([[Beurla]]: ''Kinloch'') na [[clachan]] as motha anns an eilean, tha e suidhichte san àird an ear an eilean aig ceann ''Loch Scresort'', far a bheil am port-mara cuideachd. Tha Caisteal Cheann Locha faisg air a' bhaile a chaidh a thogail ann an 1900. 'S e "A' Bhrideanach" an t-àite as fhaide san iar dhen eilean. 'S e [[Askival]] (812 meatair/2,664 troigh) a’ [[beinn|bheinn]] as àirde a tha anns an eilean. Tha i suidhichte mu 5 cilemeatair san àird a deas Cinn Locha. Canar "Na Cuilthionnan Ruma" leis na beanntain anns an eilean, tha iad eadar-dhealaichte bho na [[An Cuiltheann|Cuiltheann]] anns an Eilean Sgitheanach.
Line 23 ⟶ 25:
Anns a’ bhliadhna 1957 reic George Bullough an t-eilean don ''Nature Conservancy Council'', ris an canar ''Scottish Natural Heritage'' san laithean an-diugh. Dh’atharraidh iad an t-eilean gu tèarmann-nàdair. A-nise tha Rùm ainmeil airson nan eòin, m. e.: bidh mu 100.000 [[sgrab]] (''Puffinus puffinus'') a' neadachadh an seo gach bliadhna.
Tha [[Dòbhran|biastan dubha]], [[ròn|ròin]], [[gobhar|gobhair]] is [[iolair]]e-mara ann cuideachd.
 
== Faic cuideachd ==
* [[Liosta nan lochan ann an Rùm]]
 
== Iomraidhean ==