An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bàrdachd Ghàidhlig"

Content deleted Content added
Loidhne 47:
Bha na bàird, [[Ruaraidh MacThòmais]], [[Iain Mac a' Ghobhainn]] neo [[Dòmhnall MacAmhlaigh]] nam measg, fhathast a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na h-àiteachan far an do rugadh is thogadh iad, ach ann an dòigh ùr is toinnte. 'S e cuspair cudromach anns an nua-bhàrdachd a bh' ann an cogadh cuideachd: [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] airson [[Somhairle MacGill-Eain]] neo [[An Dàrna Cogadh]] airson [[Somhairle MacGill-Eain|MacGill-Eain]] is [[Deòrsa Mac Iain Dheòrsa]].
 
Ann an 1943, nochd an ciad leabhar le [[Somhairle MacGill-Eain]] na h-aonar, ''[[Dàin do Eimhir|Dàin do Eimhir agus Dàin Eile]]'', ann an clò, is 's e aon de na leabhraichean Gàidhlig as cudromaiche ann an 20mh linn. 'S e '[[Hallaig]]' (1954, [[Gairm|''Gairm'']]) le MacGill-Eain, dàn mu dhèidhinn baile fuadaichte ann an [[Ratharsair]], aon de na dàin Gàidhlig as ainmeile.
 
A thaobh nua-bhàrdachd is litreachas Gàidhlig anns an fharsaingeachd, bha [[Gairm|''Gairm'']], iris ràitheil Gàidhlig, air leth cudromach. Chaidh ''[[Gairm]]'' stèidheachadh ann an 1952 le [[Ruaraidh MacThòmais]] is [[Fionnlagh J MacDhòmhnaill|Fionnlagh J. MacDhòmhnaill]], is bha Ruaraidh MacThòmais na neach-deasachaidh airson 50 bliadhna eile.