An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Tuil (Duanaire)"

Content deleted Content added
minimal renamings
ceangal
Loidhne 2:
'S e duanaire a tha ann '''An Tuil''' (fo-thiotal Beurla: “Anthology of 20th century Scottish Gaelic Verse”) deasaichte le [[Ronald Black]].
 
Dh’ fhoillsich ''Polygon'' an duanaire [[Gàidhlig]] seo ann an [[1999]]. Leis a' chruinneachadh seo - air son a’ chiad uair - tha taghadh ioma-chuimseach de bhàrdachd Ghàidhlig an fhicheadaimh linne ri làimh leughadairean ann an aon leabhar eireachdail tomadach (825 t.d.). Mar a tha eadar-theangachadh [[Beurla]] de gach duan ann, cuiridh an leabhar seo an aithne don mhòr-shluagh aig nach eil Gàidhlig beairteas, bòidhchead agus farsaingeachd ealain bhàrdail nan [[Gàidheal]]. Tha ceud [[bàrd]] air an riochdachadh le barrachd air 350 duain, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, obair nam bàrd a’ leanas: [[Dòmhnall Ruadh Chorùna]], [[Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir]], [[Somhairle MacGill-Eain]], [[Deòrsa macMac Iain DeòrsaDheòrsa]], [[Ruaraidh MacThòmais]], [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a’ Ghobhainn]], agus [[Dòmhnall Iain MacDòmhnaill]]. Tha raon leathann de chuspairean ann: àbhachdas, aoir, gràdh, cogadh, [[creideamh]], poilitigs, agus mar sin air adhart. Cuideachd gheibhear san leabhar: roimh-fhacal fiosrachail le [[Ronald Black]], clàr eachdraidheachd agus [[beath]]-eachdraidh mhionaideach air son gach bàrd, agus notaichean feumail.
 
==Iomradh==