An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Napoléon Bonaparte"

Content deleted Content added
b default sort, roinn-seòrsa
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Napoleon in His Study.jpg|thumb|right|Napoleon Bonaparte]]
B' e toisiche Frangach a bha ann anBha '''Napoleon Bonaparte''' ([[15 an Lùnasdal]] [[1769]] - [[5 an Cèitean]] [[1821]]) na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rùghadh e ann an Ajaccio, Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha, agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.
 
Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear an Arm na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit, dh'fhàs Napoleon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.
Rugadh e ann an [[Ajaccio]], [[An Chorsaic]]. Bha e na mhac Carlo Buonaparte.
 
Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cùmhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh.
 
Ach bha nàmhaidean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, am Pruis agus an Rùis, agus chuidich iad dùthchanan eile airson na Fraingich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812 agus cha do chuir iad an Rùis fo smachd ann an 1813. Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.
 
Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI corr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoleon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù. Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoleon an aghaidh a thrì nàmhaidean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.
{{Bun}}
{{DEFAULTSORT:Bonaparte, Napoleon}}