An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eilean Eòin"

Content deleted Content added
minimal renamings
No edit summary
Loidhne 9:
Bha coimhearsnachd làidir de luchd-labhairt na Gàidhlig ann bho dheireadh na 18mh linne suas gu meadhan na [[20mh linn]]e. Ged a tha an cànan fhèin air sìoladh às bhon uair sin, tha fhathast coimhearsnachdan Gaidhealach rim faotainn air feadh an eilein 's gu h-àraidh ann an ceann an ear 's an ear-dheas an eilein eadar Eilean na Coille (Wood Islands), far am faighear am bàt'-aiseig a-null gu tìr-mòr Alba Nuaidh, is Drochaid Mhòntagu: a' gabhail a-staigh àiteachan 'Gaidhealach' far am b' àbhaist a' Ghàidhlig a bhith air a bruidhinn mar 'Am Bruach Àrd' (no 'High Bank'), 'Sgonnsair' (no 'West Caledonia'), 'An Tuirc' (no 'Lewes'), 'Gleann Uilleim' ('Glenwilliam'), 'Gleann Mhàrtainn' ('Glenmartin'), 'Drochaid an Livingstonaich' (no 'Murray River'),'Uige' ('Uigg') 's mar sin air adhart.
 
A thuilleadh air na coimhearsnachdan Gaidhealach, tha coimhearsnachd ann de luchd-labhairt na Fraingis, no 'les Acadiens', (mar a chanas iad riutha fhèin ann am Fraingis), is iad sin air a bhith ann bho dheireadh na 17mh linne ged a thug am fuadach a dh'fhuiling iad ann an [[1755]] ('le Grand Dérangement') crathadh mòr orra. Cuideachd tha tùsanaich an eilein, na Mi'kmaq fhathast a' fuireach ann an caochladh àiteachan a leithid Eilean Lennox shuas air costaoirthir a tuath an eilein. A bharrachd air na Mi'kmaq, na h-Acaèidianaich is na Gaidheil, bha is tha gu h-eachdraidheil coimhearsnachdan de mhuinntir na h-[[Èirinn|Èireann]], de mhuinntir [[Sasainn|Shasainn]] agus coimhearsnachd bheag de mhuinntir [[Leabanon]] a rinn imrich an tùs gnothaich a-null gu ruige Eilean a' Phrionnsa a-mach às Ìompaireachd nan Ottoman aig deireadh na 19mh linne.
 
Tha buidheann de luchd-taic is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a' sìor fhàs nas pailte san eilean san latha againn fhìn, 'Comann Gàidhlig Eilean a' Phrionnsa', is iad a' ruith chlasaichean Gàidhlig feadh na bliadhna ann am Baile Sheàrlot is ann an àiteachan eile.