Content deleted Content added
Loidhne 26:
Hai! 'S toil leam an obair a tha thu a' dèanamh an seo! Gu h-àraid gu bheil thu a' toirt an aire air iomraidhean – rud a tha gann air iomadh duilleag fhathast. Tha aon phuing a bha mi airson a thogail leat ged-ta – cha toil le Wikipedia 'bare links' – siud nuair a bhios ceanglaichean a nochdadh mar http://www.bbc.co.uk an àite [http://www.bbc.co.uk BBC]. Chunna mi air an duilleag Seonaidh Beag Mac a' Mhaoilein gun do nochd siud anns na h-iomraidhean. Dh'atharraich mi iad, a' leantainn an aon rud a rinn thu fhèin anns na ceanglaichean a-muigh.
Tha mi ag ràdh siud a bhith gad chuideachadh anns a bhith deasachadh gu sgiobalta, chan ann a bhith do chàineadh! :) Cùm ort leis an obair mhath! [[Cleachdaiche:Thisissusanbell|Thisissusanbell]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Thisissusanbell|an deasbaireachd]]) 15:46, 14 dhen Dàmhair 2014 (UTC)
 
Haidh! Tha mi dìreach air mo nàrachadh gu bheil mi air a bhith cho slaodach a' freagairt, tha mi air a bhith gu math trang anns an oilthigh, ach mòran taing airson do bhrath, nì mi mo dhìcheall "bare links" a sheachnadh bho seo a-mach :) Cuideachd, 's toil leam an obair a tha thusa a' dèanamh ann a sheo, agus tha mi an-còmhnaidh toilichte agus taingeil nuair a tha thu a' leasachadh na h-aistidhean a thòisich mi. --[[Cleachdaiche:Eimhir|Eimhir]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Eimhir|an deasbaireachd]]) 21:14, 8 dhen Dùbhlachd 2014 (UTC)