An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Croitearachd"

Content deleted Content added
minimal renamings
Loidhne 5:
Ged a bhios mòran daoine a' cumail a-mach gu bheil gabhaltas croitearachd sònraichte ri na sgìrean croitearachd a-mhàin, chan eil sin buileach fìor. Is e a tha ann an gabhaltas croitearachd ach nòs gabhaltais ro-aithnichte an lagh na h-Alba fo an t-ainm "kindly tenancy" (gabhaltas coibhneil), roimhe meadhan an naoidheamh linn deug, bha am modh gabhaltas seo measaichte a bhith seann fhasanta agus cha do mhair e ach an Siorrachd Dùn Fris. Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas a sheasamh còirichean nan Croitearan an lùib sgrùdadh a' [[Coimisean Napier|Choimisean Napier]] ann an 1884 agus stèidheachadh [[Achd na Croitearachd (1886)]], lorg iad samhail airson "gabhaltas croitearachd" anns an gabhaltas coibhneil. Leis an inneal seo, sheachnaich an riaghaltas an rèitich a chaidh air dèanamh ann an Èirinn 's an comh-aimsir, far an d'fhuair na mion-tuathanaich Èireannach ceart am fearann a bha iad ag àiteachadh a cheannachd.
 
Tha gach croit clàraichte agus tha am màl a phàigheas an croitear air a rèitich bho ámàm gu ámàm le [[Cùirt an FhearannFhearainn]]. Chan urrainn do chroit a bhith nas motha na 30 [[acair]]ean 'san fharsaingeachd (is chan eil e gu diofair dé am màl a th' oirre), air neo chan urrainn dhan mhàl a bhith nas àirde na £30 gach bliadhna (is chan eil e gu diofair dé cho mór 's a tha e).
 
== Na Sgìrean agus Siorrachdan Croitearachd ==