An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Càradal"

Content deleted Content added
+ iomradh
beagan bho uici Beurla https://en.wikipedia.org/wiki/Carradale
Loidhne 12:
}}
 
'S e baile ann an [[Earra-Ghàidheal agus Bòd]] a tha ann an '''Càradal''' ([[Beurla]]: ''Carradale''). <ref>[http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=1091 Ainmean-àite na h-Alba]</ref> Tha e na laighe air taobh an ear an leth-eilean [[Cinn Tìre]]. Tha e mu 14 mìle air falbh bho [[Ceann Loch Chille Chiarain|Cheann Loch Chille Chiarain]]. Tha [[Torr Mòr]] san àirde a tuath a' bhaile.
 
Anns an 17mh is 18mh linn bha coimhearsnachdan croitearachd is iasgach cumanta ann an is timcheall air Càradal. Nuair a dh'fhàs bàtaichean-smùide na bu chumanta, dh'atharraich dòigh-beatha ann an Cinn Tìre. Eadar na 1830an agus an [[Dàrna Cogadh]] bha na bàtaichean a' stad ann an Càradal air an t-slighe aca bho Cheann Loch Chille Chiarain gu [[Glaschu]]. Chaidh a' chiad chidhe a thogail ann an Càradal ann an 1858, nuair a dh'fhàs gnìomhachas [[sgadan|sgadain]] na bu treasa. Nan cois thogadh taighean-òsda cuideachd agus bha sin a' brosnachadh turasachd na sgìre.
 
==Daoine ainmeil==