Content deleted Content added
Loidhne 190:
 
:::::Mòran taing bhuamsa cuideachd mun sgioblachadh agaibh a rinn sibh air Washington agus Wyoming an-dè. Tha mi a‘ dol le Thisissusanbell, tha "priorities" eadar-dhealaichte againn uile. 'S fheàrr leam fhìn cuideachd 10,000 duilleag le aistean fiosrachail na 20,000 le aon sheantans annta. Na mo bheachd-sa tha aistean le dìreach aon no dà seantans a’ toirt ùine air falbh bhuam airson an leasachadh agus mar sin cha bhi ùine gu leòr agam air fhàgail gus aistean ùra a sgrìobhadh. Ma bhios mi a' coimhead air na [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=S%C3%B2nraichte:ShortPages&limit=500&offset=2500 na h-aistean goirid] anns an Uici seo tha an [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=S%C3%B2nraichte:ShortPages&limit=500&offset=8000 dàrna leth dhiubh] ann an fìor dhroch staing agus chan e sanas don Ghàidhlig a th' annta. Sgaoilidh mi gum biodh e na b’ fheàrr an leudachadh an toiseach mus tèid mìltean de dh’aistean ùra eile le dìreach seantans no dà a chruthachadh. Cho fad ’s a tha mi a’ faicinn, tha Gàidhlig gu leòr agaibh (tha mi fhìn nas fheàrr air "coordinates" is rudan mar sin) carson nach bi sinn ag obair còmhla gus aistean nas fheàrr a cruthachadh? Le deagh dhùrachdan --[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 18:07, 20 dhen Dàmhair 2014 (UTC)
::::: PS: Airson ainmean sa Bheurla air Gaidheil: faic [[Uicipeid:Ainmean is sloinnidhean]] cuideachd.
::::: Prìomh-dhuilleag: Tha fàilte mhòr oirbh sin atharrachadh ann an [[ Teamplaid:Artagail taghta]] neo air [[Aistidhean Math agus na Naidheachdan]]--[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 18:12, 20 dhen Dàmhair 2014 (UTC)