Content deleted Content added
→‎Aistean neo-chrìochnaichte: Taing airson leasachadh
Loidhne 188:
 
::::Mòran taing airson an obair a rinn thu tron deireadh-sheachdain a' criochnachadh dhuilleagan. Tha e math gu bheil iad nas sgiobalta a-nis. Tha e air leth soilleir gu bheil mòran a dhìth air an Uici seo - sgioblachadh, leudachadh, rianachd a bharrachd air duilleagan ùra - ach chan eil ach buidheann beag a' cur ris an Uici agus tha diofar "''priorities''" aca uile. Mar eisimpleir, b' fhearr leamsa 10,000 duilleag le aistean fiosrachail na 20,000 le aon sheantans annta - ged a sgrìobh mi fhìn cuid mar sin airson toiseach tòiseachaidh. Leis gur e buidheann beag a th' annainn, bhiodh e math a bhith ag obair còmhla is chan ann nar n-aghaidh. 'S dòcha ma tha thu 'n dùil sreath de dhuilleagan ùra a chruthachadh a-rithist, nach cuir thu fios thugainn feuch nach b' urrainn dhuinn do chuideachadh leis an rianachd agus an leudachadh msaa. [[Cleachdaiche:Thisissusanbell|Thisissusanbell]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Thisissusanbell|an deasbaireachd]]) 14:47, 20 dhen Dàmhair 2014 (UTC)
 
:::::Mòran taing bhuamsa cuideachd mun sgioblachadh agaibh a rinn sibh air Washington agus Wyoming an-dè. Tha mi a‘ dol le Thisissusanbell, tha "priorities" eadar-dhealaichte againn uile. 'S fheàrr leam fhìn cuideachd 10,000 duilleag le aistean fiosrachail na 20,000 le aon sheantans annta. Na mo bheachd-sa tha aistean le dìreach aon no dà seantans a’ toirt ùine air falbh bhuam airson an leasachadh agus mar sin cha bhi ùine gu leòr agam air fhàgail gus aistean ùra a sgrìobhadh. Ma bhios mi a' coimhead air na [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=S%C3%B2nraichte:ShortPages&limit=500&offset=2500 na h-aistean goirid] anns an Uici seo tha an [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=S%C3%B2nraichte:ShortPages&limit=500&offset=8000 dàrna leth dhiubh] ann an fìor dhroch staing agus chan e sanas don Ghàidhlig a th' annta. Sgaoilidh mi gum biodh e na b’ fheàrr an leudachadh an toiseach mus tèid mìltean de dh’aistean ùra eile le dìreach seantans no dà a chruthachadh. Cho fad ’s a tha mi a’ faicinn, tha Gàidhlig gu leòr agaibh (tha mi fhìn nas fheàrr air "coordinates" is rudan mar sin) carson nach bi sinn ag obair còmhla gus aistean nas fheàrr a cruthachadh? Le deagh dhùrachdan --[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 18:07, 20 dhen Dàmhair 2014 (UTC)