An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tractar-àiteachais"

Content deleted Content added
minimal renamings
 
Loidhne 4:
 
== Tractaran Da-Chuibhleachd ==
[[FileFaidhle:Bungartz U1D.JPG|thumb|Samhail Bungartz U1D de 1952: Tractar Da-chuibhleachd le crann-treabhaidh teannaichte aig cois.]]
Mar is tric goirear Tractaran-choisich, air tractaran den leithid seo. Chan eil ach da chuibhle aca, agus inneal-pheatroil de cumhachd eadar 1kW agus 10kW. Tha iad uidheamaichte le Fuaidean (corragan), coltach ri na fuaidean air crann-eiche gus am bi aig an t-iomanach a choisich às an dèidh. Bhiodh na h-innealan a tharuing iad dluth-cheangailte ri culaibh an aisil. Tha tractaran- den seorsa seo freagarrach ri lotan beaga agus tha muilnean dhiubh air an cleachdadh air tuathanasan beag ann an Aisia. Bha iad cumanta air tuathanasan-beaga agus croitean air feadh Breatuinn rè na 1950an, agus tha iad fhadhast ri lorg ann an gairnealachd-mhargaideachd, far a bheil an meud beag aca freagarrach ri na h-iomairean agus far a bheil cumhachd gu leor aca airson an obair a tha dith.
 
Loidhne 11:
== Tractaran Ceithir-cuibhleachd ==
 
[[FileFaidhle:Ferguson TEF(1955).JPG|thumb|left|1955 Ferguson TEF]]
 
Is e an tractar ceithir-cuibhleachd an tractar-àiteachais bu chumanta, tha na tractaran seo torr nas cumhachd-mhòr na tractaran da-chuibhleachd, agus na modailean bu shine agus bu lugha, mar eisimplir am ''Fergie Glàs'' a chaidh air togail eadar 1938 agus 1956 a libhrig cumhachd 20 eich (mu 15kW). B'e am Fergie a'chiad tractar a bha uidheamaichte le [[Altachadh tri-phuing An Fheargusdanach]], a thug comas do iomanach an tractair a thogail is cuir sios innlean ceangailte ris an tractar agus a riaghaladh an domhainnead air am biodh innlean glac-thalmhuinn (m.e. crann-treabhaidh) ag obair.