An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leabhar Dhèir"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 5 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q1987582 (translate me)
minimal renamings
Loidhne 1:
[[ImageFaidhle:BookDeerLukeFol029v.jpg|thumb|200px|Air folio 29v tha dealbh den t-soisgeulaiche Lucas.]]
 
’S e leabhar shoisgeul sa Laidinn bhon 10mh Linn a tha ann an '''''Leabhar Dhèir''''' (Leabharlann Oilthigh Chambridge, MS. Ii.6.32) ach chaidh a chur ris anns an 12mh Linn ann an Laideann, Seann-Ghaeilge agus Gàidhlig na h-Albann. Tha e ainmeil air sgàth ’s gur e seo an sgrìobhadh as sine a tha againn ann an Gàidhlig bho Albainn.
Loidhne 10:
Anns an teacsa sa Laidinn tha ''[[Soisgeul Eòin]]'' uile gu léir, codaichean de shoisgeulan ''[[Soisgeul Mhata|Mhata]]'', ''[[Soisgeul Mharcais|Mharcais]]'' agus ''[[Soisgeul Lùcais|Lùcais]]'', cuid den òrdugh airson tadhal air euslainteach, agus de ''[[Creud nan Abstol|Chreud nan Abstol]]''. Tha e a’ crìochnachadh le abairt phearsanta bhon sgrìobhaiche san t-Seann-Ghaeilge. Tha teacsa nan Soisgeulan stéidhte air an ''[[Vulgate]]'' ach tha rudan àraidh ann a bhuineas gu sònraichte ri na ''Irish Gospel books''. Tha iad uile sgrìobhte sa stoidhle ''Irish minuscule'', le aon sgrìobhaiche a-mhàin a réir coltais. Ged a tha an teacsa agus an stoidhle sgrìobhaidh ag deimhneachadh gu bheil e den ghnè ''Irish Pocket Gospel'', tha beachd aig sgoilearan gur ann an Albainn a chaidh a sgrìobhadh.
 
[[ImageFaidhle:BookDeerMattCh1vv18 21Fol05r.jpg|thumb|left|200px|Air folio 5r tha [[Soisgeul Mhata]] 1:18 gu 1:21. Seall am measgadh-litreach Chi Rho a tha san oisein shuas air an taobh chlì. ’S e sgrìobhadh sa Ghàidhlig a tha san iomall.]]
 
Tha seachd teacsaichean ann an [[Gàidhlig na h-Alba|Gàidhlig na h-Albann]] anns na àiteachan a bha bàn timcheall air na prìomh theacsaichean. Anns na [[sgrìobhaidhean-iomaill]] seo tha cunntas air stéidheachadh a’ mhainistir le [[Calum Cille]] agus [[Drostan]], agus clàraidhean de chóig pìosan fearainn a chaidh a thìodhlacadh dhan mhainistir agus saorsa bho chìsean àraidh. Tha cuideachd lethbhreac de Chairt sa Laideann a thug [[Daibhidh I na h-Alba|Rìgh Daibhidh I]] don mhainistir, ga dhìon bho “omni laicorum officio et exactione indebita” (gach dleastanas a bhios air an tuath agus gach cìs eucoireach). Chaidh na teacsaichean Gàidhlig a sgrìobhadh ri uiread agus cóig sgrìobhadairean eadar-dhealaichte. Is iadsan na sgrìobhaidh Gàidhlig as sinne a mhaireas againn bho Albainn. Leis a sin, tha iad cudromach air sàillibh na tha iad sealltainn dhuinn a thaobh leasachadh tràth a’ chànain ann an Albainn.