An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
minimal renamings
Loidhne 1:
==Ro-ràdh==
[[ImageFaidhle:MonarRonDama.jpg|right|250px|thumb|Loch Mhonair ron dama]]
Bho thòiseach an naoidheamh linn deug gu timcheall 1870, bha iarrtas gun cheann airson talamh treabhta is inghilt airson feòil-caoraich is clòimhe. Nuair chaidh prìs na clòimhe sìos thionndaidh na h-uachdarain gu gnothaichean ùra is mar sin bha àireamh a bha fàs de thaighean-eunaidh a nochdadh air feadh na [[Gàidhealtachd]]. Gu math trice bha mòran luchd-obrach anns na h-àiteachan sin is mar a b’ àbhaist geamairean, stalcairean is buachaillean air am brosnachadh a bhith a’ cumail crodh, oir gu mòr bha na coimhearsnachdan ùra sin stèidhichte ann an ceàrnan iomallach den Gàidhealtachd. Mar sin, dh’fhuirich mòran daoine sa Ghàidhealtachd airson solaraich goireasan do luchd-turais a bha ann airson sealg, iasgach, coiseachd cnuic is spòrs. Mar eisimpleir, aig Pait, ri taobh Loch Mhonair aig ceann Gleann Srath Farrar, bha stàball airson ceathrar eich is sabhal airson ochdnar crodh-laoigh a chumail, is togalaichean eile a bharrachd air na taighean airson luchd-obrach. Bha a’ choimhearsnachd aig Pait coltach ri tuineachaidhean an iomadh àite eile air feadh na Gàidhealtachd.
 
Loidhne 8:
Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus am biodh iomadh dama ga thogail, le stèiseanan-cumhachd nan cois is mar sin b’ e gnìomhachas nàiseanta a bh’ ann bho thùs airson dealan a liubhairt air feadh Alba is leasachadh sòisealta aig an aon àm, gu h-àiridh airson muinntir na Gàidhealtachd. Nuair a bha an sgeama seo aig barr a rèime, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro. Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba gus obair a lorg às dèidh an Dàrna Cogaidh ’s iad a' faighinn deagh phàigheadh. Bha Gearmailtich, Pòlainnich agus Seicich am measg na feadhna as fheàrr air tunailean a chladhach ’s thugadh "Tunnel Tigers" orra. Cho anmoch ri na 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taice ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.
 
[[ImageFaidhle:Loch_Monar_as_dèidh_an_dama.jpg|left|250px|thumb|Loch Mhonair às dèidh an dama]]
Eadar 1947 is 1961 chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na buachaillean is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, chaidh faisg air 200 mìle de thunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid.
Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (sa sgeama Afraig-[[A' Mhanachainn|Manachainn]], fear den fheadhainn as motha) ach a-mhàin dama beag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran phaidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air a’ ghleann ìosal; ach aig ceann a’ ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thogadh an dama aig Monar. Thachair an aon rud tro iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg nan sgeamaichean a bu mhotha bha an fheadhainn aig Sin, Conan, Loch Sluagh-[[Loch Obha]], Bràghad Albainn, Cruachan is Teimheil - na h-àiteachan far am biodh am buil as motha.