An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh MacDhùnleibh"

Content deleted Content added
renaming: Aimearaga-a-Tuath → Aimearaga a Tuath
minimal renamings
Loidhne 1:
[[FileFaidhle:David Livingstone.jpg|right|thumb|250px|Daibhidh MacDhùnleibh]]
 
'S e aon de na rannsaichearan as ainmeile mu Afraga a bha ann an '''Daibhidh MacDhùnleibh''' ([[Beurla]]:''David Livingstone''). Rugadh e faisg air [[Baile an t-Saoir]] [[19 am Màrt]] [[1813]] agus chaochail e [[1 an Cèitean]] [[1873]] faisg air ''Lake Bangweulu'' ann an Saimbia.
Loidhne 26:
== Ann an Afraga ==
[[FileFaidhle:Livingstone statue2.jpg|thumb|right|250px|Clach cuimhneachan Dhaibhidh MacDhùnleibh faisg air na ''Victoria Falls'' ann an Saimbia]]
Thàinig Daibhidh MacDhùnlèibh gu tìr Afraga ann am Màrt, 1841. Bha ionad a’ mhisean air a stèidhichte bho 1799 ann an sgìre Cape Town, agus mar seo, bha structar agus bunaitean ann air an robh e comasach adhartas a thogail ann an ainm Comainn Mhisein Lunnainn (“''London Mission Society''”). Chuir e roimhe na sgìrean do-ruigsinn a ruighinn, ann an ainm a Shlànaighear, agus airson adhartas a’ chinne-dhaonna. Thuig e, mar a thàinig soisgeulaichean eile an àm gu co-dhùnadh, gun robh an dòigh a b’fheàrr do shaorsa nan Afraganach eisimileach air malairt agus creideamh. Cha robh am bun-smuain seo idir co-ionnanach ri bun-smuain nam Boer, no fiù ’s bun-smuain nan rannsachair [[A' Phortagail|Portugalach]], a ghlacadh air na tùsanach agus sheòl iad tarsainn a’ chuain na traillean seo gu Ameireaga-a-Tuath agus a-Deas. Ach, bha smaointean ùra a’ tighinn am-measg dùthchannan eile ag iarraidh sgur a chur air malairt nan traillean na làithean ud. Gu tric is minig, bhiodh MacDhùnlèibh agus a nàimhdean – na Boers, mar a bu thrice – aig ùgannan a chèile, agus a’ deasbad pàirt na h-eaglais ann an saorsa cinne-dhaonna uile gu lèir, seach air an duine geal a-mhàin. Tro a obrach uile aig Sgoil Dhiadhachd ann an [[Lunnainn]], rinn Daibhidh ath-aithris air teachdaire an t-soisgeil a bha a’ tabhainn saoradh dhan uile, ge b’ e cò às a bha duine àraid, an cultar anns an do dh’àraich e, no fiù ’s “a’ bheatha pheacach” a roinneadh na tùsanaich eatorra. Theireadh gu ùghdarras gun robh na bun-smaointean seo a bha aige an aghaidh na h-eaglais chlèireach an 19mh Linn leis a reachdan Ro-thaghadh. Ged a thigeadh eiciuimeanachas chun an uachdair nar latha an-diugh, b’e seo reachdan sheachranach bho “fhìrinn” an t-soisgeil a bh’ ann. Ach a dh’aindheoin seo, chùm e an creid seo aig teis-meadhan a bheatha, agus choisinneadh e deagh chliù dha gum biodh marainneach chun an latha an-diugh am-measg Afraganach anns a cheann a deas. Chaidh “Livingstone” ann an [[Saimbia]] agus “Blantyre” ann am [[Malabhaidh]] ainmeachadh mar chuimhneachadh air an rannsachair mhòr, nach do chaomhain e a chliù no a bheatha am-measg nam Boer agus an dòigh ris an do làimhseachadh e a nàimhdean, air an do dh’amharc e mar cnap-starra gu saorsa aimsireil, saoghalta agus do shaorsa spioradail nan Afraganach.
Loidhne 46:
{{Commonscat|David Livingstone|Daibhidh MacDhùnleibh}}
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Albannaich]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Seòladairean agus Rannsachairean]]
 
{{Link FA|uk}}