An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Croitearachd"

Content deleted Content added
No edit summary
minimal renamings
Loidhne 1:
[[FileFaidhle:Croft in Upper Ardelve.jpg|thumb|right|Croit ann an [[Àird Eilbh|Àird Eilbh Uachdarach]] faisg air [[Loch Aillse]]]]
Is e modh aiteachais a tha ann an croitearachd. Is e gnìomh croitear a tha ann an '''croitearachd'''. Is croitear fear, neo té a sheilbheas ''gabhaltas'' croite. Is e a tha ann an croit mion-tuathanas a thathas seilbhichte fo gabhaltas croitearachd, nòs gabhaltais a tha dìonta anns an lagh. Is e am bun-phrionnsabal den modh ghabhaltais seo gu bheil an gabhaltas fhéin ann an seilbh an tí a phàigheas an màl. Faodaidh don ghabhaltach (am fear a phàigheas an mal) a thoir neo reic a ghabhaltas ri treas tì mar a thogras e. Aig a cheann thall tha coireachan an gabhaltach anns an suidheachadh seo a' fàgail "tighearna" le oighreachd a tha fo an nos gabhaltas seo as aonais uidhe anns an fhearainn air barrachd an mal airson cleachdadh an fhearainn. Tha seo gu tur eu-coltach ri gabhaltasan airson tuathanasaibh àbhaisteach, nach ruith ach rè cumhnant-ghabhaltais, mar is tric de fichead bliadhna. Aig deireadh an teirm faodaidh don oighreachd a dh'aontaich gabhaltas eile neo faodaidh do tighearna an oighreachd a ghabhail an tuathanas thairis a fhèin, ma bhitheas na gabhaltasan gu lèir air an oighreachd a tighinn gu ceann còmhla bithidh cumhachd aig an tighearna a fhuadaich na tuathanaich far an oighreachd agus toirt am fearann gu lèir na làimh fhèin, mar a thachair 's an Lodaidh air oighreachd Hopetoun, faisg air Loch Iubhar anns a' bhliadhna 2008. Tha gabhaltas croitearachd, a' cuir bacadh air an leithid seo de fuadaich.