An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Cuiltheann"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 8 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q1143317 (translate me)
minimal renamings
Loidhne 2:
 
==Ainmean Àite a’ Chuilthinn==
[[ImageFaidhle:Tuath air Sgurr Alasdair.jpg|thumb|right|250px|Bho mhullach Sgurr Alasdair, a' coimhead tuath]]
Bidh an sluagh, gu h-àraidh daoine nach eil às an [[an t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] a’ cleachdadh an fhacail airson gach beinn eadar [[Loch Ainort]] agus [[Gleann Breatail]], agus cuiridh iad na h-ainmean [[Beurla]] ''The Red Cuillin(s)'' agus ''The Black Cuillins'' orra. Chan eil Cuiltheann Dearg no a leithid ann anns a’ Ghàidhlig agus cleachdar Na Beanntan Dearga no Na Binnein Dearga airson beanntan air taobh an ear [[Gleann Sligeachain]]. Tha feadhainn eile a’ gabhail a-steach Blabheinn a tha air taobh thall na Binnein Dearga a chionn ’s gu bheil cruth na beinne coltach ri cruth a’ Chuiltheinn fhèin.
’S e monadh a th’ anns a’ Chuiltheann agus ’s e aonad a th’ ann. Chan eil feum air ainm anns a’ chruth iolra coltach ri ''The Cuillins'', ainm a bhios mòran daoine a’ cleachdadh gun fhios nas fheàrr.
 
==An Cuiltheann==
[[ImageFaidhle:Rubha an Dùnain 2.jpg|250px|right|thumb|An Cuilthionn: na beanntan as fhaide deas air am faicinn bho [[Rubha an Dùnain]], bho chli: [[Sgurr na Banachdaich]], [[Sgurr Dearg]], [[Sgurr MhicCoinnich]], Sgurr Sgumain (a' cur [[Sgurr Alasdair]] am falach), Sgurr Dubh an Dà Bheinn, Sgurr nan Eag, Garsbheinn]]
Chan eilear cinnteach idir cò às a tha an t-ainm An Cuiltheann a’ tighinn agus chan eil fiù ’s fios aig na sgoilearan dè an [[cànan]] a thàinig an t-ainm às. Tha Forbes <ref name=" Forbes"> Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner</ref>
a’ smaoineachadh gur e facal [[Gàidhlig]] a th’ ann a tha a’ tighinn bho “Cuilionn”. Tha e a’ toirt dòighean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte cuideachd, mar eisimpleir Cuilfhionn, Cuildhean agus Cuilion. Tha Drummond <ref name=" Drummond "> Drummond, Peter 1992. Scottish Hill and Mountain Names. Glasgow: Scottish Mountaineering Trust</ref>
Loidhne 59:
 
===Garsbheinn & Blàbheinn===
[[ImageFaidhle:Blà-bheinn & gealach.jpg|right|250px|thumb|Blàbheinn (làimh cheàrr), a' Chlach Ghlas & Garbheinn air am faicinn bho Chille Bhrìghde]]
 
<!--Don’t copy any sections out of this article without copying thè versions history!-->
Loidhne 73:
 
===Sgùrr Dubh, Sgùrr Dearg, Clach Glas, Blàbheinn===
[[ImageFaidhle:In Pin.jpg|thumb|250px|right|'''Adharc an Sgurr Dheirg''', no an ''Inaccessible Pinnacle'' mar a theirear rithe sa Bheurla]]
[[ImageFaidhle:Sgurr Dubh an Dà Bheinn.jpg|right|250px|thumb|Sgurr Mhic Choinnich (làimh cheàrr), Sgurr Sgumain is Sgurr Dubh an Dà Bheinn air am faicinn bho [[Rubha an Dùnain]]]]
 
Chan e rud iongantach a th’ ann gu bheil ainmean dathan air cuid de bheanntan. Gu tric tha na dathan sin an crochadh air a’ chreig agus cuideachd dè an dath a tha mar eisimpleir solas an fheasgair a’ cur orra. Anns a’ Chuiltheann chìthear [[Sgùrr Dearg]], [[Sgùrr Dubh Mòr]] agus Sgùrr Dubh Beag, agus agus beagan taobh a-muigh a’ Chuiltheinn Clach Glas agus Blàbheinn.
Loidhne 113:
{{DEFAULTSORT:Cuiltheann #An}}
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Beanntan na h-Alba]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:An t-Eilean Sgitheanach]]