'S e dùthaich ann an [[Aimearaga- a- Tuath]] a tha anns '''na Stàitean Aonaichte'''<ref>[http://www.storlann.co.uk/goireasan/atlas-na-sgoile.html ''Atlas Sgoile Oxford''] le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)</ref> ([[Beurla]]: "''United States of America''" no ''USA''). Tha ì na poblachd cùmhnantach. Tha crìochan aice sa tuath le [[Canada]] agus sa deas le [[Meagsago]]. Tha 48 de na stàitean suidhichte eadar an [[Cuan Siar]] agus an [[Cuan Sèimh]]. Tha [[Alasca]] ann an iar-thuath na dùthcha le [[Canada]] san àirde an ear agus leis [[an Ruis]] san àirde an iar dhith.