An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dràma"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S e gnè-sgrìobhaidh [[litreachas|litreachail]] a th' ann an '''dràma''' a thathar a' gnìomhadh mar as trice air àrd-ùrlar, co-dhèanta de chòmhraidhean eadar iomadh caractaran. 'S ann às an t-[[seann Ghreugais]] a tha am facal: tha ''δρᾶμα'' a' ciallachadh ''grìomh'' — rudeigin a nìthear, bhon ghnìomhair ''δράω'', ''dèan''.
 
==Eachdraidh anns an Iar==
Loidhne 5:
 
Sa' mheadhon-aois, bha mòr-chuid an dràma co-dhèanta de dealbhan-cluiche mhìorbhaile (Beurla: ''mystery plays''), seòrsa dràma cràbhach no liotuirgeil a riochdaich sgeulachdan às an tradaisean Chrìostail.
 
Sna 16mh agus 17mh linntean ann an saoghal na Beurla, bha sgrìobhadairean mar [[William Shakespeare]], [[Christopher Marlowe]], agus [[Ben Jonson]] a' sgrìobhadh dràma a tha ainmeil fhathast an-diugh. Sgrìobhas tòrr dhràma aig an àm ann an [[cam-dhàn]]. Cuirear an t-ainm ''Siglo de Oro'' (''Linn Òrail'') air an 17mh linn san [[an Spàinn|Spàinn]], nuair a bha [[Pedro Calderón de la Barca]], [[Tirso de Molina]], agus ùghdaran eile a' sgrìobhadh dràma clasaigeach na Spàinne, agus anns an [[an Fhraing|Fhraing]] san aon àm, bha sgrìobhadairean mar [[Molière]], [[Jean Racine]], agus [[Pierre Corneille]] a' sgrìobhadh na dh'fhàsadh an dràma Frangach clasaigeach.
 
[[Category:Litreachas]]