An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Kirsteen NicDhòmhnaill"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 2 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q3827408 (translate me)
eachdraidh beatha
Loidhne 1:
Tha '''Kirsteen NicDhòmhnaill''' ([[18 an Dùbhlachd|18 Dùbhlachd]] [[1983]]) na craoladair sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]].
Tha '''Kirsteen NicDhòmhnaill''' na craoladair sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. Tha i a' toirt seachad an t-sìde air [[An Là]]. Tha i à [[Inbhir Nis]] agus ghabh i pàirt ann [[am Mòd Nàiseanta Rioghail]] sa bhliadhna 2006 agus 2008 far an do bhuannaich i Duais Òir. Bha i 'g obair air [[Radio nan Gàidheal]] agus [[Dè a-nis?]].
 
Tha '''Kirsteen NicDhòmhnaill''' na craoladair sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. Tha i a' toirt seachad an t-sìde air [[An Là]]. Tha i à [[Inbhir Nis]] agus ghabh i pàirt ann [[am Mòd Nàiseanta Rioghail]] sa bhliadhna 2006 agus 2008 far an do bhuannaich i DuaisBuinn Òir. Bha i 'g obair air [[Radio nan Gàidheal]] agus [[Dè a-nis?]].
 
==Eachdraidh a Beatha==
Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd 1983 agus thogadh i ann an [[Inbhir Nis]].
Bha a màthair, Marjorie Nic a' Phearsain, à Polnish, [[Loch Àilleart]] ann an sgìre [[Mùideart|Mhùideart]] agus 's ann à [[Baile Eilidh]] a tha a h-athair, Tommy MacDhòmhnaill.
 
Chaidh i gu [[Bun-sgoil a' Mheadhain]] ann an Inbhir Nis far an d' fhuair i [[Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig|foghlam tro mheadhan na Gàidhlig]], agus an uair sin gu [[Àrd-sgoil Allt na Muilne]]. Cha robh facal Gàidhlig anns an dachaigh ged a bha Gàidhlig aig athair a màthar.
 
==Seinn==
 
Bhrosnaich an tidsear aice, [[Lisa Storey]], ri bhith seinn ann an co-fharpaisean nam Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Ann an Àrd-sgoil Allt na Muilne, 's i [[Seònaid NicGrìogair]] a chuidich i le òrain a' Mhòid agus òrain a sheinneadh i aig cèilidhean agus cuirmean.
 
Rinn i BA (le Urram) ann an Cànan agus Cultair na Gàidhlig aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] anns an Eilean Sgitheanach. Fhad 's a bha i aig Sabhal Mòr 's i [[Cairistìona Primrose]] a bha ga cuideachadh agus a' toirt comhairle dhith a thaobh òrain.
 
Bhuannaich Kirsteen [[Bonn Òr]] a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2006 aig [[Mòd Dhun Omhain]] le cuideachadh a' deasachadh bho [[Ceana Chaimbeul|Cheana Chaimbeul]]. Fhuair i an Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2008 anns an [[An Eaglais Bhreac|Eaglais Bhric]], agus Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 2009 aig Mòd an Òbain. Tha i cuideachd na ball de [[Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu|Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu]].
 
==Craoladh==
Thòisich e air prògram na cloinne ''[[Dè a-nis?]]''. Bha i an uair sin na neach-naidheachd aig [[Radio nan Gàidheal|BBC Radio nan Gàidheal]]. Tha i a-nise a' toirt seachad naidheachdan na h-aimsir air an telebhisean air [[BBC ALBA]] agus do Reporting Scotland an-dràsta is a-rithist.
 
 
 
 
==Iomraidhean==
* [http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/kirsteen_nicdhomhnaill/ Eachdraidh-beatha] aig Bliadhna nan Òran, BBC.
[[Category: Craoladairean]]