An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beinn Rothaich"

Content deleted Content added
Duilleag ùr, air a tharraing bhon duilleig Bheurla https://en.wikipedia.org/wiki/Munro
 
b càradh ceangail CUIDICH, chaneil seo a' coimhead snog
Loidhne 1:
'S e beinn ann an Alba a tha os cionn 3,000 tròigh (914.4m) de dh'àirde a th' ann am '''Beinn Rhothaich'''. Tha 282 dhiubh ann. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Rìdire Ùisdean Rothach (Sir Hugh Munro) (1856–1919), a chruthaich liosta de na beanntan seo ann an 1891. Ma tha mullach beinne os cionn 3,000 tròigh, ach nach eil na bheinn fa-leth, 's e '''mullach Rothaich''' a th' ann. Anns an ath-sgrùdadh de na beanntan seo ann an 2012, a tha foillsichte le Club Streapadaireachd na h-Alba, bha 282 Beanntan Rothaich ann agus 227 mullaich Rothaich eile. Dh'atharraich àireamh nam Beinn Rothach bho àm gu àm nuair a chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh le innealan de theicneòlas nas ùire agus nas mionaidiche.
 
Anns a' Chèitean agus an Iuchar July 2009 rinneadh ath-sgrùdadh air na beanntan a bha faisg air 3,000 tròigh. Air 10 An t-Sultain 2009 chaidh ainmeachadh gu bheil a' bheinn Sgùrr nan Ceannaichean, aig ceann a' deas Gleann Carrainn, 2,997 tròigh (913.43 m) de dh'àirde a-mhàin<ref>[http://www.munromagic.com/MountainInfo.cfm/284] Sgùrr nan Ceannaichean, Munromagic</ref>. Mar sin chaidh inbhe na Beinne Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe agus 's e Beinn Corbett a th' ann a-nis<ref[http://www.smc.org.uk/munros/]>Club Streap na h-Alba</ref>. As t-samhradh 2011 chaidh lorg gu bheil [[Beinn a' Chlaidheimh]] ann an [[Achadh an Iasgair]] 2,998 tròigh agus 8 òirleach (914 m), agus mar sin ro bheag airson a bhith na Bheinn Rothaich. Chaidh Inbhe Beinn Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe anns an t-Sultain 2012, agus tha i a-nis na Beinn Corbett.<ref>http://news.stv.tv/highlands-islands/189113-fisherfield-munro-demoted-to-corbett-status-after-coming-up-short-in-survey/</ref><ref>http://caledonianmercury.com/2011/08/29/beinn-achlaidheimh-the-munro-society-surveyors-respond/002473</ref>
 
Anns an t-Sultain 2012, bha liosta nam Beinn Rothaich a' gabhail a-steachthe 282 beanntan Rothaich agus 227 mullaich Rothaich eile.