An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cartagena de Indias"

Content deleted Content added
b fixing dead links
b fixing dead links
Loidhne 20:
}}‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Bolívar (Roinn)|Bolívar]] a ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann '''Cartagena de Indias''' (kartaˈxena ðe ˈindjas), neo '''Cartagena''',<ref>[http://cache.britannica.com/EBchecked/topic/97165/Cartagena Encyclopedia Britannica]</ref> agus a bharrachd air sin ‘s e an còigeamh baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh, an dèidh [[Bogotá]], [[Medellín]], [[Cali]] agus [[Barranquilla]]. Chaidh e ainmeachadh ''Sgìre Turasachd agus Cultarail'' ann an [[1991]]. Tha am baile suidhichte dìreach air oirthir [[Muir Cairibianach|a’ Muir Chairibianach]] 1,060km air falbh bho Bhogotá.<ref> [http://cumbia.invias.gov.co/programas/sat/DISTANCIA%20DE%20BOGOTA%20A%20CAPITALES%20-%2025%20JUL.pdf Invias]</ref> agus ‘s e fear dha na puingean turasachd as cudromaiche ann an Coloimbia, agus e an darna baile as motha air oirthir Cairibianach na dùthcha, ri chùlaibh Bharranquilla. A bharrachd air sin, 's e Cartagena an 5mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://web.archive.org/web/20071001063527/www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref> Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1533]].
 
Bha àireamh sluaigh dhe 892,545 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://web.archive.org/web/20080911201632/http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref>
 
‘S e fear dhe na puirt a bu chudromaiche ann an Aimearaga a bh’ann Cartagena de Indias bho stèidheachadh a’ bhaile anns an [[16mh linn]] is rè àm ìompaireachd na [[An Spàinn|Spàinne]]. Ghairm am baile a neo-eiseamleachd bhon an Spàinn 11 [[an t-Samhain]] [[1811]]. ‘S e Fèis Nàiseanta ann an Coloimbia a th’ann an latha sin agus tha ''Fèisean an Neo-Eiseamleachd'' nan ruith fad ceithear latha anns a’ bhaile fhèin. Bho [[1933]], tha 11 an t-Samhainn air a bhith latha taghadh Miss Coloimbia, ann am ''Farpais Nàiseanta an Aille''.
Loidhne 32:
Ged a tha 892,545 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 50,317 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/[[mestizos]] a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cartagena, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 36.5% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]]. ' S urrainn dhan 91.4% dhe na daoine ann an Cartagena leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 47.4% dhe na dachannan.<ref>[http://web.archive.org/web/20061129175528/http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/bolivar/cartagena.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>
 
== Fèisean ==