An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

Chaidh 60 baidht a chur ris ,  5 bhliadhnaichean air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b
}}
 
Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ‘sa bhliadhna [[1919]], an tritheamh leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd a measg bàird [[Clann Dhòmhnaill|Chlann Dhòmhnaill]], na MicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach]]. Air taobh a mhàthair bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncle agus b’e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncle, Niall, fhuair è eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh sònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris na 17mh agus 18mh linntean.
 
Aig aois 18 ghabh àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dàrna Cogadh|Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala è an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dhà fhèin cho borb ‘sa bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] de’n t-arm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt oir. Cha robh fhaca ach gunnaichean làimh agus iad a sabaid an aghaidh tancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chuir sìos gus nach biodh an coir bàs ann.
 
Anns an leabhar aige, [[Fo Sgàil a’ Swastika]], thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dha na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘sa‘s a chompanach fo smachd na [[Gearmailteach|Gearmailtich]] agus iad beò ann an campaichean mar prìosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg a measg na prìosanaich cuideachd agus thuirt è mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”
 
Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha è dhan bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na [[Gaidheil]] agus na [[Gearmailteach|Gearmailtich]], ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-sàtan, na bheachdsa.
 
Bha a chreideamh [[Caitligeach]] a riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagha gus cead a thoirt seachad [[casg-leatrom]] fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a bruidhinn a mach airson coiridhean na màthair cha robh guth ann airson an leanabh nach d’ rugadh fhathast. Mar bàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ''‘An Guth à Broinn na Màthair’''.
2,364

deasachadh