An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aranzazu (baile)"

Content deleted Content added
No edit summary
b fixing dead links
Loidhne 19:
}}
 
‘ S e baile beag ann an [[Caldas (Roinn)|Caldas]] a th’ann Aranzazu. Tha e ann an iar-mheadhan na dùthcha, [[Coloimbia]]. Tha àireamh-sluaigh dhe 12,181<ref>[http://web.archive.org/web/20061129150850/http://www.dane.gov.co/files/censo2005/regiones/caldas/aranzazu.pdf Cunntas-sluaigh 2005]</ref> daoine a’ fuireach ann an Aranzazu. Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na roinne, aig 52 cileameatair à [[Manizales (baile)|Manizales]], prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le cleachdaidhean gu math traidiseanta a th’ann, agus cha do dh’fhulaing e an droch ainneart a rinn cron air iomadh sgìre eile air feadh na dùthcha. Bithear a’ cumail Fèis na Cabuya (seòrsa dhe bambù), gach dà bhliadhna, leis gu e sin fear dhe na lusan a thathar ga fhàs an seo. ‘S e baile uabhasach marsanta a th’ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1853]].<ref>[http://www.aranzazu-caldas.gov.co/nuestromunicipio.shtml?apc=m1I1--&m=f Fiosrachadh a' Chomhairle]</ref>
 
== Freumhan an Ainm ==
Loidhne 25:
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 12,815 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 5,948 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[http://web.archive.org/web/20080911201632/http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Coloimbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Aranzazu (is mòran dhuibh [[mestizos]]), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]]. ' S urrainn dhan 88.6% dhe na daoine ann an Aranzazu leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 28.8% dhe na dachannan.<ref>[http://web.archive.org/web/20061129191751/http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/caldas/aranzazu.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>
 
== Fèisean ==